Binn prìosain air oifigear prìosain

  • 10 Am Màrt 2017

Chaidh binn prìosain trì bliadhna agus ceithir mìosan a chur air fear a bha na oifigear prìosain agus a thug canaib agus fònaichean-làimhe a-steach do phrìosan Inbhir Nis.

Chuala Cùirt an t-Siorraidh ann an Inbhir Nis gu robh Iain Wallace, 35, à Obar Neithich, air a bhith an sàs anns an eucoir fad còig mìosan, 's e a' sireadh airgid airson na fiachan a bh' air a phàigheadh.

Fhuair e £1800 airson na h-eucoir.

Thuirt an siorraidh, Gòrdan Fleetwood, gu robh e air an fheadhainn a chuir earbsa ann - prìosanaich agus an fheadhainn a bh' air fhastadh - a threigsinn.

Thuirt e gu robh e am beachd binn còig bliadhna a chur air, ach gun do lùghdaich e sin le cho tràth 's a dh'aidich e a chiont.