£600,000 a bharrachd do sgeama nan taighean-croite

  • 10 Am Màrt 2017
Croitean
Image caption Bidh luach £2m anns an stòras airson 2017/18

Dh'ainmich Rùnaire na h-Eaconomaidh Dùthchail, Fearghas Ewing, £600,0000 a bharrachd do sgeama nan taighean croite.

Bheir sin luach an stòrais suas gu £2m airson 2017/18.

Dh'fhoillsich Mgr Ewing an t-airgead a bharrachd air a' chiad là de cho-labhairt Chaidreachas Croitearachd na h-Alba air a' Chomraich.

Tha gearainnean air a bhith ann mun àireamh dhaoine anns an h-Eileanan air an deach taic-airgid a dhiùltadh bhon sgeama.

Sluagh a thoirt air ais

Thuirt Mgr Ewing gu bheil an sgeama na mheadhan air sluagh a thoirt dha sgìrean far nach eil mòran a' fuireach an-diugh.

Gheall e cuideachd ath-sgrùdadh a thoirt air na riaghailtean a tha an cois an sgeama airson dèanamh cinnteach gum bi taic-airgid ann dhan fheadhainn as fheumaiche.

Duilleagan Eadar-lìn co-cheangailte

Chan eil uallach air a' BhBC son na tha air làraichean-lìn eile