Stiùideo
Cha chluich seo air an uidheamachd agaibh

Naidheachdan 11:00m

10 Am Màrt 2017 Ùraichte aig Ùraichte aig

BT

Chuir companaidhean a tha a' tabhainn sheirbheisean bann-leathainn fàilte air an naidheachd gun tèid sgaradh a dhèanamh eadar BT agus an t-seirbheis Openreach. Bha riaghladair nan seirbheisean conaltraidh, Ofcom, air a bhith a' cur cuideim orra BT Openreach, a tha a' ruith bun-structar a' bhainn-leathainn, a chur bhuapa às dèidh dhaibh grunn ghearanan fhaighinn mu dhroch sheirbheis. Thuirt Ofcom gum bu chòir seo piseach a thoirt air astaran bann-leathainn ann am pàirtean iomallach dhen dùthaich.

Lib Deamaich

Thuirt ceannard nan Lib Deamach ann an Alba gum bu chòir sluagh Bhreatainn am facal deireanach fhaighinn air an aonta Bhrexit a thèid a chruthachadh le bhòtadh ann an referendum eile. Ro cho-labhairt earraich a' phàrtaidh aige ann am Peairt, thuirt Willie Rennie gur e rud deamocratach a bhiodh ann a dhèanamh. Tha dùil gun tòisich na còmhraidhean toinnte air Breatainn a bhith a' fàgail an EU ann an ùine nach bi fada.

Àrachas Nàiseanta

Chuir am Pàrtaidh Làbarach as leth an riaghaltais gu bheil iad ann an staing a thaobh a' phlana aca airson Àrachas Nàiseanta àrdachadh do dhaoine a tha ag obair air an ceann fhèin. Thuirt am Prìomhaire, Theresa May, nach tèid bhòtadh air a' phlana chun fhoghair, agus anns an eadar-ama, gun èist an Seansalair ris na draghan a th' air daoine mun phoileasaidh.

Drugaichean

Chaidh casaidean a chur air dithis fhireannach às dèidh dha na poilis lorg fhaighinn air luchd cocaine ann an Obar Dheathain a tha air a thuairmse a tha luach £215,000. Thuirt na poilis gun deach na drugaichean a lorg ann an carbad ann an sgìre Torry dhen bhaile an-dè. Tha dùil gun nochd na daoine, 21 agus 23, ann an Cùirt an t-Siorraim ann an Obar Dheathain an-diugh.

Croitearachd

Fosglaidh Rùnaire na h-Eaconomaidh Dùthchail, Fearghas Ewing, co-labhairt bhliadhnail Chaidreachas Croitearachd na h-Alba air a' Chomraich an-diugh. Bidh Brexit am measg nam prìomh chuspairean a thèid a dheasbad, le buill a' beachdachadh air a' bhuaidh a bhios aig an sin air a' ghnìomhachas agus air ciamar a thèid poileasaidhean àiteachais a dhealbhachadh bho thaobh a-muigh an EU.

Deugaire a dhìth

Tha poilis na h-Alba a' sireadh fiosrachaidh airson lorg fhaighinn air balach aois 14 bliadhna a tha a dhìth bho Inbhir Narann. Chan fhacas Dayne Inglis bho sgìre Sràid a' Mhuilinn anns a' bhaile bho 1815 a-raoir. Tha e 5tr a dh'àirde le falt dorcha is coltas tana air, le dùil gun deach e a dh'Obar Dheathain no a dh'Inbhir Uraidh.