Tubaist-rathaid ann am Moireibh

  • 10 Am Màrt 2017

Chaidh fireannach a sgèith dhan ospadal is e air a dhroch leòn às dèidh dhan chàr aige craobh a bhualadh ann am Moireibh feasgar Diardaoin.

Thachair an tubaist air a' Bh9016 eadar Baile Chèith agus Bucaidh.

B' fheudar do luchd-smàlaidh a ghearradh às a' chàr.

Chaidh an duine a thoirt gu Ospadal Rìoghail Obar Dheathain.