Dìleab dha Sgioba Teasairginn an t-Òib
Cha chluich seo air an uidheamachd agaibh

Còrr is £300,000 dha Sgioba Bàta-Teasairginn an t-Òib

9 Am Màrt 2017 Ùraichte aig Ùraichte aig

Tha Sgioba Bàta Teasairginn an t-Òib air an dòigh an dèidh dhaibh còrr is trì cheud mìle not fhaighinn ann an dìleab.

Thàinig an t-airgead bho oighreachd Mhàiri Aida NicLeòid NicAsgaill à Dùn Èideann - aig an robh ceangal teaghlaich ri Bearnaraigh na Hearadh.

Thuirt an sgioba nach robh e an urra riudha-san ciamar a dheidheadh an t-airgead a chosg ach gun robh leasachaidhean ri dhèanamh air an stèisean 's gum biodh an t-airgead feumail airson sin.

Tha tuilleadh aig Ruaraidh Rothach.