Piseach air coltas meadhan Inbhir Nis?

  • 10 Am Màrt 2017
Sràid na h-Acadamaidh, 1956 Image copyright Jimmy Nairn Collection
Image caption Thèid feuchainn ri dreach nas traidiseanta a chur air coltas Sràid na h-Acadamaidh

Thèid feuchainn ri piseach a thoirt air coltas tè de phrìomh shràidean Inbhir Nis.

Gheibh feadhainn aig a bheil togalaichean air Sràid na h-Acadamaidh taic-airgid airson na togalaichean aca a chur air ais gu mar a b' àbhaist dhaibh a bhith.

Tha seo mar phàirt de sgeama airson meadhan a' bhaile ath-leasachadh 's gearanean air a bhith ann mu dhroch choltas cuid dhen na togalaichean.

Thuirt fear de chomhairlichean Inbhir Nis, Ailig Greumach, gu bheil piseach a' tighinn air meadhan a' bhaile.

"Thathas air leasachadh a dhèanamh air àitean meadhan a' bhaile, - Sràid an Aonaidh 's Queensgate 's mullach Sràid na h-Eaglaise 's thathas a' dèanamh tòrr obair a' leasachadh Taigh a' Bhaile an-dràsta agus thathas ag obair air a' chaisteal - so tha mi a' smaoineachadh gu bheil rudan air a bhith a' tachairt".

Duilleagan Eadar-lìn co-cheangailte

Chan eil uallach air a' BhBC son na tha air làraichean-lìn eile