Brexit ga dheasbad

  • 10 Am Màrt 2017

Tòisichidh co-labhairt bhliadhnail Chaidreachas Croitearachd na h-Alba Dihaoine le buaidh Brexit àrd air a' chlàr-gnothaich.

'S e Rùnaire na h-Eaconomaidh Dùthchail, Fearghas Ewing, a dh'fhosglas a' cho-labhairt a mhaireas dà latha.

Bruidhinnidh esan mu cho cudromach 's a tha croitearachd dhan eaconomaidh dhùthchail air a' Ghàidhealtachd agus anns na h-Eileanan.

Cluinnidh a' cho-labhairt Disathairne bho Mhinistear Brexit Riaghaltas na h-Alba, Mìcheal Ruiseal, 's dùil ri tòrr deasbaid mun bhuaidh a bheir Breatainn a bhith a' fàgail an Aonaidh Eòrpaich air croitearachd.

Tòisichidh a' cho-labhairt dìreach latha às dèidh do Chomataidh na h-Eaconomaidh Dùthchail ann am Pàrlamaid na h-Alba a ràdh gum bu chòir dhan Riaghaltas Achd ùr Croitearachd a chur fa chomhair na Pàrlamaid ron ath-thaghadh 's iad ag ràdh gu bheil soilleireachadh a dhìth air poileasaidhean an Riaghaltais airson croitearachd.

"Cothroman"

Thuirt an croitear Pàdraig Moireasdan à Griomasaigh gur e àm inntinneach a tha seo dha croitearachd, 's cothrom ann rudan ùr a dhèanamh.

"Tha cothrom againn rudan ùr a chur an sàs - rudan a bha an lùib gnothaichean an EU 's dòcha nach robh buileach cho math a cheartachadh agus cuideachd an uair sin a bhith a' feuchainn ri studaigeadh dè na rudan math a bha againn co-dhiù agus am b' urrainn dhuinn an cumail a' dol".

Tuilleadh air an sgeulachd seo

Duilleagan Eadar-lìn co-cheangailte

Chan eil uallach air a' BhBC son na tha air làraichean-lìn eile