Athchuinge mu ghluasad ola aig muir

  • 9 Am Màrt 2017
Tancairean ola

Tha luchd-iomairt an aghaidh phlanaichean airson ola a ghluasad eadar soithichean ann an Linne Mhoireibh air athchuinge le còrr air 100,000 ainm a chur gu Comhairle na Gàidhealtachd.

Tha Port Linne Chrombaigh ag iarraidh ola a ghluasad eadar soithichean aig muir.

Tha iad ag ràdh gun gabhadh an obair a dhèanamh gu sàbhailte 's nach biodh an àrainneachd ann an cunnart.

Tharraing iad iarrtas airson cead anns an Fhaoilleach, agus thòisich iad ag ullachadh airson tagradh ùr a dhèanamh.

Chaidh an athchuinge a thoirt do cheannard Chomhairle na Gàidhealtachd, Màiread NicDhàibhidh.

Tha luchd-iomairt an aghaidh nam planaichean is dragh orra mun bhuaidh a dh'fhaodadh an cleachdadh a thoirt air an àrainneachd.

Thàinig e a-mach anns an Fhaoilleach gun deach iarraidh air ùghdarras a' phuirt an t-iarrtas a rinn iad ann an 2015 a tharraing.

Dh'iarr Buidheann-Ghnìomha na Mara is nam Maor-Cladaich, a bhios a' coimhead ri iarrtasan airson ola a ghluasad eadar soithichean còmhla ri buidhnean eile, air an ùghdarras iarrtas ùr a chur a-steach.

Bhiodh iarrtas ùr a' ciallachadh gum feumadh co-chomhairle phoblach ùr a bhith ann.

Thuirt àrd-stiùiriche an ùghdarrais, Bob Buskie, nach robh càil neo-àbhaisteach mu na dh'iarr an MCA orra a dhèanamh.