Tùr fosgailte ron Chàisg

  • 9 Am Màrt 2017
Caisteal Inbhir Nis Image copyright Rob Farrow/Geograph
Image caption 'S e an Tùr a Tuath (làimh chlì) a' chiad phàirt den chaisteal a bhios fosgailte do luchd-turais, 's e gus fosgladh ro làithean-saora na Càisge.

Tha dùil gum fosgail a' chiad earrann de Chaisteal Inbhir Nis, a chaidh a leasachadh mar ghoireas ùr do luchd-turais, ann an àm airson saor-làithean na Càisge.

Thuirt Comhairle na Gàidhealtachd gum faigh daoine a-steach chun an tùir a tuath an-asgaidh airson a' chiad sheachdain.

Gheibh luchd-turais seallaidhean gu Loch Nis, an Gleann Mòr agus Beinn Uais bhon tùr, a chaidh a thogail o chionn 175 bliadhna.

Thèid an goireas ùr a ruith le High Life Highland, agus tha dùil gun tèid fhosgaladh airson saor-làithean na Càisge an ath-mhìos.

Tha obair chlachaireachd air a bhith ga dèanamh airson pàirtean den togalach a chàradh, le staidhre ùr, agus thathas air obair a dhèanamh cuideachd air dreach a' chaisteil bhon taobh a-muigh.

Tha am pròiseact air a mhaoineachadh le Maoin Mhaith-Choitchinn Inbhir Nis, Iomart na Gàidhealtachd 's nan Eilean agus Aonta Baile Inbhir Nis.

Thathas an-dràsta ag ullachadh airson Cùirt an t-Siorraim a ghluasad a-mach às a' chaisteal, rud a bheir cothrom goireasan a bharrachd a chruthachadh do luchd-turais.