Tagradh eile airson bàta-slaodaidh

  • 9 Am Màrt 2017
Bàta-slaodaidh

Tha na h-Eileanan Siar a' dol a dhèanamh tagraidh eile airson bàta-slaodaidh fhaighinn stèidhichte air an taobh siar.

Sgrìobhaidh Comhairle nan Eilean Siar cuideachd gu Buidheann na Mara 's nam Maor-Cladaich (MCA) 's iad ag iarraidh air a' char as lugha gum bi am bàta-slaodaidh a tha a' frithealadh a' chinn a tuath nas trice timcheall air na h-Eileanan Siar.

Tha seo às dèidh dha tighinn am bàrr gun do chaill soitheach cargo mòr cumhachd mu 20mìle a-mach far Rubha Robhanais an t-seachdain a chaidh.

"Bha còmhradh aig a' Chomataidh an-diugh mu dheidhinn bàta-slaodaidh, 's bha sinn co-dhiù gu bhith a' dèanamh tagraidh a-rithist ris an Riaghaltas gum bu chòir dhaibh a bhith a' coimhead ris an àireamh bhàtaichean-slaodaidh aig tuath an Alba air sgàth nan cunnartan a th' ann," thuirt Fear-Gairm na Comhairle, Tormod Dòmhnallach.

Clàr

"Chunnaic sinn eisimpleir fèadhair air an deireadh-sheachdain a chaidh seachad far an robh bàta mòr le làn-luchd, agus gun robh i uairean de thìde gun chumhachd, agus gun robh iad an urra ris an einnsean a chàradh mus d' fhuair iad cumhachd air ais.

"Tha mi a' smaoineachadh gur e rud a tha sin a dh'fheumas sinn a bhith draghail mu dheidhinn.

"'S e rud a th' ann a tha sinne a' faicinn a tha cudromach dha-rìribh, bhon dh'fhaodadh truailleadh sgriosail tachairt dhan àrainneachd nam biodh tubaist ann.

"Bha sinn gu math fortannach leis mar a chaidh dhuinn leis an Transocean Winner air a' bhliadhna a chaidh seachad, agus chan eil sin a' dol a thachairt a h-uile turas gu mì-fhortannach, agus dh'fhaodadh daoine am beatha a chall ri linn.

"'S e rud a th' ann a dh'fheumas sinn cumail a' putadh air a shon a dh'aindeoin 's dè cho gann 's a tha an sporan," thuirt e.

Tha BP nan Eilean Siar, Aonghas Brianan MacNèill, airson 's gun tèid a h-uile suidheachadh a dh'fhaodadh a bhith cunnartach sna h-uisgeachan timcheall nan eileanan a chlàradh.

"Tha naidheachdan mar seo a' tighinn am bàrr corra uair," thuirt e.

"Tha fhios gu bheil iomadach uair eile nach eil an naidheachd a' tighinn am bàrr.

"Tha cha mhòr seachdain, tha mi a' tuigsinn, on thachair seo, agus bàta aig Rubha Robhanais 's i a' gluasad aig Knot gu leth, gun mòran de ghluasad aice, agus tha fhios againn taghte math, bàta mòr cargo mar siud, cha robh bàta-slaodaidh mun cuairt airson a slaodadh nam biodh feum oirre.

"'S e an argamaid a tha mi air a bhith a' dèanamh, gur e rud a th' ann, gun tachair rudeigin, bliadhna air choireigin.

"Bidh tachartas ann, agus chan eil àrachas againn anns na h-Eileanan an Iar airson sin a lùghdachadh no a leasachadh ma thachras sgath, agus a dhol is cobhair is cuideachadh a dhèanamh.

"Tha mi a' smaoineachadh gum feum nàdar de chlàr a bhith againn air rudan a theab tachairt, airson chan eil sinn airson tòiseachadh a' smaoineachadh mu dheidhinn seo nuair a thachras tubaist.

"Tha mi a' smaoineachadh gun sgrìobh mi gu na Maoir-Chladaich feuch dè na tachartasan eile a bha coltach ri sin a th' air a bhith ann can o chionn bliadhna no còig bliadhna no mar sin, air sàilleabh feumaidh fios a bhith againn," thuirt e.