Dìleab airgid do bhàta-teasairginn an t-Òib

  • 9 Am Màrt 2017
Bàta-teasairginn an t-Òib

Fhuair bàta-teasairginn an t-Òib còrr is £300,000 ann an dìleab airgid.

Chaidh an t-airgead fhàgail aca le tè a Dùn Èideann aig an robh ceangal teaghlaich ri Beàrnaraigh na Hearadh.

Thuirt Ceann-suidhe urramach Bàta-teasairginn an t-Òib, Hamish Mac an Tàilleir, gun dèan an t-airgead feum mòr.

"Chan eil e an urra rinne ciamar a thèid an t-airgead a chur gu feum," thuirt e.

Tubaist

"Ach tha leasachaidhean ri dhèanamh air an stèisean, agus tha pàirt dhiubh sin cha mhòr ann an gnìomh mar thà.

"Tha pontùn ùr ri dhol ann anns a' chiad àite.

"An uair sin bidh leasachaidhean eile a' leantainn on sin eadar seo agus 's dòcha deich bliadhna.

"Chan eil mi ag ràdh gun tachair càil nas luaithe ri linn seo, o chionn thachradh iad co-dhiù.

"Ach bidh an t-airgead uabhasach fhèin feumail ann a bhith a' faicinn gu bheil ionmhas gu leòr ann airson pàirt de na leasachaidhean a tha sin a dhèanamh.

"Cha robh dùil sam bith againn ri seo, agus 's e annas a bh' ann, agus annas gu math toilichte a bh' ann nuair a chuala sinn e.

"An tè a dh'fhàg an t-airgead, 's ann à Beàrnaraigh a bha a h-athair.

"Chaidh a h-athair a dh'fhuireach a Dhùn Èideann uaireigin o chionn fhada.

"Tha tuigse againn co i.

"Nuair a fhuair sinn air bruidhinn ris an fheadhainn a bha an urra ris an tiomnadh aice a chur air dòigh thuig sinn gun robh tubaist anns an teaghlach aca ann an 1900, nuair a chaidh a seanair, agus bràthair a seanar, agus aon mhac dha a seanair, agus 's dòcha fear eile a chall ann an eathar eadar Loch nam Madadh agus Beàrnaraigh.

"Tha cuimhne air sin anns an teaghlach, agus tha mi a' tuigsinn gur e a' chuimhne a tha sin pàirt de na dh'adhbharaich gur ann dhan t-Òb a thàinig an tiomnadh.

"Iarraidh mi taing a thoirt dhan teaghlach a tha seo a bha cho cuimhneachail air an àite às an do dh'fhalbh iad, agus air gu bheil bàta-teasairginn an t-Òib ann, agus gun robh iad cho math agus gun do chomharraich iad an t-airgead a tha seo a thoirt dhuinn airson leasachaidhean a dhèanamh," thuirt e.