Achd ùr Croitearachd ro 2021

  • 9 Am Màrt 2017
Coimisean na Croitearachd Image copyright Coimisean na Croitearachd

Tha Comataidh aig Holyrood ag iarraidh air an Riaghaltas Achd ùr Croitearachd a chur fa chomhair na Pàrlamaid Albannaich ron ath-thaghadh ann an 2021.

Ann an aithisg ùir thuirt Comataidh na h-Eaconamaidh Dùthchail gu bheil soillearachadh a dhìth air poileasaidh an Riaghaltais airson croitearachd, agus air dleastanasan nan Coimisearan taghte, le moladh gun tèid cuid de na dleastanasan sin a thoirt do dh'oifigich.

Thuirt cathraiche na Comataidh, Edward Mountain BPA, gun toireadh sin cothrom dhan Choimisean a' chonnspaid a th' air an cuairteachadh o chionn ghoirid a sheachnadh san àm ri teachd.

"Chuala a' Chomataidh gu math soilleir bho dhaoine an sàs ann an croitearachd, agus bho chroitearan iad fhèin, gum faod iad aon mhionaid a' bhith a' roinn turais chun na sgoile le Coimiseanair Croitearachd, agus an ath-mhionaid gum bi an Coimiseanair a' cnogadh air an doras aca a dh'innse dhaibh gu bheil iad a' dèanamh rudeigin ceàrr," thuirt Mgr Mountain.

"Bha a' Chomataidh a' faireachdainn gun robh sin uabhasach doirbh, 's ga dhèanamh mì-chofhurtail ann an coimhearsnachdan beaga.

"'S e na bha a' Chomataidh an dòchas a choileanadh, gum biodh dreuchd nach robh cho gnìomhach aig na Coimiseanairean - a' co-dhùnadh dè an t-slighe air adhart - agus an uair sin a' leigeil le oifigich neo-thaghte, seirbheisich chatharra, faighinn air adhart le sin a thoirt gu buil," thuirt e.