Buidheann Ghàidhlig airson Inbhir Narann

  • 8 Am Màrt 2017

Thèid buidheann Ghàidhlig ùr a chur air bhonn ann an Inbhir Narann.

Bheir e cothrom do luchd-bruidhinn na Gàidhlig, aig gach ìre, a thighinn còmhla gus an cànan a bhruidhinn.

Thèid coinneamh a chumail nas fhaide den mhìos airson beachdan a shireadh bho mhuinntir na sgìre mu na bhios iad ag iarraidh bhon bhuidhinn.

Thuirt Tia NicThòmais, a tha an sàs ann, gu bheil Gàidhlig aig 2% de dhaoine anns an sgìre.

Cuideachd, bha i ag ràdh gu bheil foghlam tro mheadhan na Gàidhlig anns a' bhun-sgoil agus gu bheil Fèis Inbhir Narann ann a thuilleadh air Còisir Ghàidhlig Inbhir Narann.

Bidh a' bhuidheann a' coinneachadh ann an Ionad Coimhearsnachd Inbhir Narann aig 7:30f bho Dhiciadain an 22na là den Mhàrt.