Bàs "gun fhianais eucorra"

  • 8 Am Màrt 2017
Caoimhin MacLeòid Image copyright An teaghlach MhicLeòid

Thuirt Poileas Alba nach deach fianais sam bith a lorg gun robh eucoir an lùib bàis ann an Inbhir Ùige o chionn 20 bliadhna.

Lorgadh corp Chaoimhin MhicLeòid, a bha 24, ann an cala a' bhaile sa Ghearran 1997.

Chaidh breithneachadh aig an àm gur e tubaist a thug bàs dha, ach tha a theaghlach den bheachd gu bheil lotan air a chorp a' sealltainn gun deach a mhurt.

Rinneadh sgrùdadh "air a h-uile fiosrachadh a th' ann" a thaobh a bhàis, an dèidh conaltraidh eadar a theaghlach agus àrd-chonstabal nam Poileas, Phil Gormley.

Dh'innis màthair Mhgr MhicLeòid, June, don BhBC air a' mhìos a chaidh gun leanadh an strì airson rannsachaidh ùir mura nochdadh an sgrùdadh seo càil ùr.

Chaidh sgrùdadh fa-leth òrdachadh leis an àrd-chonstabal a thaobh mar a làimhsich na Poilis gearainnean an teaghlaich bho 1997 mu mar a bhathas a' rannsachadh a' bhàis.

Thuirt an Det. Ch. Supt. Gareth Blair, a tha na cheannard air eucoir mhòir aig Poileas Alba, gun deach an sgrùdadh a dhèanamh agus na Poilis a' toirt fa-near gun robh bàs Mhgr MhicLeòid fhathast a' toirt buaidh air a phàrantan, agus gun robh iad ag iarraidh cinnt mun chùis. Thuirt e cuideachd gun robh co-fhaireachdainn nam Poileas leis an teaghlach.

"Tha e cudromach a dhaingneachadh nach b' e làn-rannsachadh a bha seo air a' bhàs fhèin, ach sgrùdadh mionaideach, faiceallach, air meud mhòr fhiosrachaidh a chaidh a chlàradh an co-cheangail ris bho 1997," thuirt e.

"Rinn oifigearan speisealta aig comannd na h-eucorra mòire an obair seo, a ghabh a-steach lorg fhaighinn air agus bruidhinn ri feadhainn a bh' ann an Inbhir Ùige air an oidhche a bha sin 's a chunnaic Caoimhin ach nach tàinig air adhart roimhe.

"Dh'innis mi do phàrantan Chaoimhin nach eil, an dèidh an sgrùdaidh seo, fianais ann air eucoir, agus gu bheil a bhàs fhathast gun mhìneachadh, rud a thug orm co-dhùnadh nach eil bunaid ann air an stèidhichear làn-rannsachadh.

"Dh'iarradh Poileas Alba air fianaisichean sam bith aig a bheil fiosrachadh mu bhàs Chaoimhin a thighinn air adhart, agus beachdaichidh sinn gu h-iomlan air fiosrachadh ùr sam bith a gheibh sinn.

"Dh'iarr an t-ard-chonstabal air ceannard nan inbhean proifeasanta sgrùdadh fa-leth a dhèanamh a dhèanamh cinnteach gun deach gearainnean a thog an teaghlach thar nam bliadhnaichean a làimhseachadh gu h-iomchaidh."