Deireadh-seachdain Gàidhlig an Asainte

  • 8 Am Màrt 2017
Sulabheinn Image copyright David Glass/Geograph

Thèid deireadh-seachdain do luchd-ionnsachaidh na Gàidhlig a chumail ann an Loidse Chanaisp ann an Asainte deireadh na mìos.

Bi clasaichean ann do dhaoine aig diofar ìrean fad dà làtha.

'S e Còmhlan Gàidhlig Asainte a tha ga chur air dòigh.

"'S àbhaist dhuinn an deireadh-seachdain seo a chumail san t-Samhain gach bliadhna," thuirt Claire Belshaw bhon bhuidhinn.

Fàs

"Thòisich sinn ann an 2012. An-uiridh bha 30 oileanach ann.

"Dh'iarr mòran dhiubh oirnn deireadh-seachdain eile a chur air chois as t-Earrach.

"Bidh trì clasaichean ann. Trì ìrean - luchd-tòiseachaidh aig a bheil beagan Gàidhlig, clas meadhanach, agus clas adhartach cuideachd, airson dà là," thuirt i.

Am measg an luchd-teagaisg a bhios ag obair leis na h-oileanaich, bidh Seumas Greumach, Kirsteen NicDhòmhnaill, agus Catriona NicIllEathain à Loch an Inbhir.

Chan ann a-mhàin à sgìrean eile a thig daoine chun an tachartais, agus ùidh a' sìor fhàs am measg mhuinnrit Asainte fhèin.

"Tha an àireamh a' fàs nas motha gach bliadhna," thuirt Claire.

"Tha ùidh aig muinntir an àite seo a bhith ann, agus bho air feadh na Gàidhealtachd cuideachd.

"Bha tè à Ceann Loch Chille Chiarain an seo an-uiridh.

"Chan eil mòran dhaoine anns an sgìre seo aig a bheil Gàidhlig a-nis. Sin an strì.

"Ach tha ùidh mhòr aig muinntir an àite anns an fharsainneachd ann a bhith ag ionnsachadh Gàidhlig - ach chan eil cothrom ann.

"Chaidh Còmhlan Gàidhlig Asainte a stèidheachadh o chionn naoi bliadhna airson brosnachadh agus taic a thoirt don chànan agus don dualchas san sgìre.

"Tha là no dhà air a bhith againn le Ruairidh MacIllEathain airson ainmean-àite ionnsachadh, agus bho àm gu àm bidh sinn a' seinn anns an talla bhaile, còmhla ri luchd-turais 's dòcha.

Bidh an tachartas a' gabhail àite air a' 25mh agus an t-26mh là den Mhàrt.