Naidheachdan 11:00m
Cha chluich seo air an uidheamachd agaibh

Naidheachdan 11:00m

8 Am Màrt 2017 Ùraichte aig Ùraichte aig

Buidseat

Thuirt Roinn an Ionmhais gum bi an Seansalair, Phillip Hammond, anns a' chiad bhuidseat aige an-diugh ag ullachadh Bhreatainn airson caibideil ùir na h-eachdraidh an dèidh Brexit. Bidh taic aige do ghnìomhachas gas agus ola a' Chuain a Tuath, agus tuilleadh airgid tha e coltach do Riaghaltas na h-Alba. Ach bithidh rabhadh aige cuideachd gum feum gearraidhean agus cùmhnadh a bhith ann fhathast.

Heseltine

Chaill am Morair Heseltine obair mar chomhairliche dhan Riaghaltas an dèidh dha bhòtadh nan aghaidh air Brexit. Tha esan air fear de 15 duine de Mhorairean Tòraidheach a chuir taic ri atharrachadh ann am Bile Bhrexit ag iarraidh bhòta shusbaintich anns a' Phàrlamaid air an aonta mu dheireadh dhan tig an Riaghaltas airson falbh às an Aonadh Eòrpach.

Farchluais

Thuirt fear a bha na stiùiriche air an CIA, Mìcheal Hayden, gu bheil fiosrachadh ann am faidhlichean an CIA a tha Wikileaks a' sgaoileadh a' dèanamh cron uabhasaich air tèarainteachd nan Stàitean Aonaichte agus a caraidean. Tha Wikileaks a' cumail a-mach gun do dh'fheuch an CIA ri bathair bog a chleachdadh ann an leithid fònaichean-làimhe, coimpiutairean agus fiù 's telebhisein a tha ceangailte ris an eadar-lìon airson farchluais a dhèanamh air còmhradh dhaoine.

Corrie McKeague

Thuirt màthair duine òg às Fìobha a chaidh a dhìth ann an Suffolk gu bheil a h-uile dùil aice ri droch naidheachd an dèidh dearbhadh gu bheil poilis a' rannsachadh a bheil ceangal aig làraidh sgudail ris a' chùis. Bha Corrie McKeague, 23 bliadhna de dh'aois, na fhear-adhair aig RAF Hongington ann an Suffolk. 'S ann am Bury St Edmonds, anns an t-Sultain an-uiridh, a chaidh fhaicinn beò mu dheireadh. Tha na Poilis a-niste a' rannsachadh aig làrach ann an Cambridgeshire far a bheil sgudal ga thiodhlacadh.

Gàrradh Àranais

Fhuair Gàrradh Àranais ann an Leòdhas tuilleadh obrach do thuath-ghaoithe Beatrice a-mach bho chladach Ghallaibh a chumas an gàrradh a' dol gu deireadh an Lùnastail. Feumaidh iad tuilleadh welders agus scaffolders ge-tà, agus tha ceist ann le obair a' Chuain a Tuath a' togail a-rithist aig an aon àm, càite am faigh iad an luchd-obrach.

Eilginn

Tha an sgeama dìon thuiltean as motha riamh an Alba a' fosgladh gu h-oifigeil ann an Eilginn an-diugh. Chosg an sgeama, a thug còig bliadhna ga togail, £86m, agus cuiridh i dìon air 1,000 dachaigh agus gnìomhachas anns a' bhaile.