Obair ùr do Ghàrradh Àranais

  • 8 Am Màrt 2017
Gàrradh Àranais

Fhuair Gàrradh Àranais ann an Leòdhas tuilleadh obrach do thuath-ghaoithe mhòir Beatrice, a-mach bho chladach Ghallaibh, a chumas an gàrradh a' dol gu deireadh an Lùnastail.

Feumaidh iad tuilleadh luchd-tàthaidh agus luchd-sgafail ge-tà, agus tha ceist ann, le obair a' Chuain a Tuath a' togail a-rithist, càite am faigh iad luchd-obrach.

O chionn beagan mhìosan bha an gàrradh trang a' dèanamh seacaidean stàilinn do chuid de na crainn-ghaoithe san leasachadh.

Tha na seacaidean sin a-nis air an crìochnachadh agus a' feitheamh air an gluasad gu Fìobha airson obair eile orra air an 19mh là den Mhàrt.

Tha obair a-nis aig a' ghàrradh airson sia deicichean a dhèanamh a bhios air na crainn dìreach os cionn na mara.

Bidh 84 crann-gaoithe uile gu lèir ann an tuath-gaoithe Beatrice, agus dùil gum bi e deiseil mu dheireadh na h-ath-bhliadhna.