Pàirce phlastaig ùr do dh'Ìle

  • 8 Am Màrt 2017
Pàirce Phlastaig 3G ann an Galashiels Image copyright Walter Baxter/Geograph
Image caption Ceadaichidh pàirce plastaig 3G - leithid an tè seo ann an Galashiels - cluiche ann an aimsir sam bith.

Thathas an dòchas nach fhada gus am bi pàirce spòrs phlastaig ga stèidheachadh ann an Ìle.

Gheall Comhairle Earra-Ghàidheal is Bhòid airgead dhan phròiseict aig àrd-sgoil an eilein.

Dh'ainmich an t-ùghdarras ionadail £700,000, air a roinn eadar dà phàice ùr 3G - tè aig Àrd-Sgoil Ìle, agus tèile aig Bun-Sgoil Ros Neimhidh air Tìr-Mòr.

Bidh còmhraidhean ann a-nise le Spòrs Alba a dh'fheuchainn ris a' chòrr den airgead a tha a dhìth fhaighinn.

"A' phàirce aig an àrd-sgoil ann an Ìle, 's dìreach, mar a theireadh tu pàirce "blaze" a th' ann, 's chan eil e math idir airson a bhith a' cluiche air," thuirt an Comh. Robin MacMhuirich, a th'air a bhith an lùib na h-iomairt gus pàirce mar seo fhaighinn do dh'Ìle.

"Anns a' Gheamhradh cuideachd, tha a' phàirce an ath-dhoras ris a' phàirce bhlaze, tha sin gu math fliuch, so chan eil a' chlann a' faotainn a-mach a bhith a' cluiche air an dà phàirce sin.

"'S i an aon sgoil ann an Earra-Ghàidheal is Bòd nach meannd iad a bhith a-muigh a' cluiche anns a' Gheamhradh, agus bha sinn a' feuchainn airgead fhaotainn airson seo, agus pàirce 3G a chur ann.

"Tha mi a-niste gu math fhèin toilichte gun d' fhuair sinn airgead.

"Feumaidh sinn a-niste a bhith a' cainnt ri Spòrs Alba airson barrachd airgid fhaotainn airson pàirce cheart a dhèanamh, agus bidh feansa mun cuairt air, agus solais, airson gum meannd an sgoil, agus na sgoiltean air fad anns an eilean, agus a' choimhearsnachd air fad a bhith a' cluiche air a' phàirce seo.

"Chan eil mi buileach cinnteach dè tha a dhìth fhathast, ach tha mi an dòchas, an t-airgead a chuir sinne seachad airson na pàirce seo, gur e 50% na cosgais air fad a bhios ann.

"Tha mi cinnteach gum bi a h-uile rud a' tighinn còmhla an ceann dà no trì mhìosan.

"Tha mòran anns an àite ag iarraidh seo airson ball-coise, 's ball-lìn, hogaidh, iomain, gnothaichean mar sin, agus 's e rud uabhasach fhèin math a bhios ann airson an eilein," thuirt e.