Planaichean dachaigh chùraim gan taisbeanadh

  • 8 Am Màrt 2017
A' Chananaich Image copyright Undiscovered Scotland

Thuirt companaidh a th' airson dachaigh cùraim ùr fhosgladh san Eilean Dubh gum foillsich iad na planaichean mionaideach aca anns a' Chananaich an ath-sheachdain.

Tha seo a' tighinn agus iomagain san sgìre mu dhìth sheirbheisean cùraim airson seann daoine.

Tha Parklands airson dachaigh cùraim le 40 leabaidh a thogail sa Chananaich.

Thèid na planaichean air a son a thaisbeanadh anns a' bhaile air 14mh là den Mhàrt.

Thuirt manaidsear Parklands, Ron Taylor, gu bheil na molaidhean aca aig ìre adhartaich, le làn-mhaoineachadh, agus gun tèid an lìbhrigeadh ann an ùine nach bi fada.

Dh'ainmich e gur e Parklands an aon dachaigh cùraim a bhiodh a' dèiligeadh ris an èiginn a th' ann a thaobh cùraim airson seann daoine san Eilean Dubh.

Thèid an taisbeanadh a chumail ann an taigh-cluiche Ionad Spòrs an Eilein Dhuibh Dimairt seo tighinn, a' tòiseachadh aig 7:00f.