Cursaichean Gàidhlig a' leantainn
Cha chluich seo air an uidheamachd agaibh

Cursaichean teagaisg Gàidhlig a' leantainn aig Oilthigh Dhùn Èideann

7 Am Màrt 2017 Ùraichte aig Ùraichte aig

Cumaidh Oilthigh Dhùn Èideann orra a' tabhann dà chùrsa aig ìre MA airson teagasg Bunsgoil le Gàidhlig.

Tha sin a dh'aindeoin 's gu bheil an MA airson teagasg Bunsgoil sa Bheurla a' tighinn gu crìch.

Mar a tha Calum MacAmhlaigh ag aithris tha fàilte ga chuir air an naidheachd gu bheil an oilthigh a' leantainn orra leis a' Ghàidhlig.