An Gleann a' Chaolais ga càradh
Cha chluich seo air an uidheamachd agaibh

An Gleann a' Chaolais ga càradh

7 Am Màrt 2017 Ùraichte aig Ùraichte aig

Cha bhi e fada mus bi am bàta sònraichte an "Gleann a' Chaolais" air ais air an t-slighe eadar Gleann Eilg agus Caol Reatha.

Tha obair-càraidh air a bhith ga dhèanamh oirre - an leasachadh as motha a chaidh a dhèanamh air a' bhàta ann an leth-cheud bliadhna - agus cha mhòr nach eil i deiseil airson tilleadh dhan uisge.

Tha an earrann mu dheireadh dhan phròiseact-càraidh, a thòisich bho chionn ochd bliadhna, ga dhèanamh ann an Ciseòrn.

Chaidh an tè-naidheachd againn, Eilidh NicAsgaill, ann a dh' fhaicinn mar a tha a' dol dhith.