Binn deich bliadhna do dhrabastair

  • 7 Am Màrt 2017

Chaidh fireannach a chur dhan phrìosan airson deich bliadhna airson nighean èigneachadh agus ionnsaighean drabasta a thoirt air ceathrar eile bho chionn 25 bliadhna.

Bha Alexander Kemp, 64, air a dhol às àicheadh nan casaidean air fad 's e a' cumail a-mach gu robh na boireannaich ag innse bhreugan.

Thachair na h-ionnsaighean ann an Cataibh eadar 1988 agus 1992.

Chuir a' chiad bhoireannaich fios air na poilis ann an 2015, nuair a bha leanabh aice fhèin.

Thàinig na h-eucoirean eile am barr às dèidh sin.

Chuala a' chùirt gun deach Kemp a dhìteadh roimhe airson èigneachadh, agus airson ionnsaighean drabasta air nighnean fo aois 14.

Chaidh cuideachd a dhìteadh roimhe airson a bhith a' togail dheilbh dhrabasta de chloinn.