Cead do dh'ionad dealain ann an Gallaibh

  • 7 Am Màrt 2017
Crann-gaoithe Image copyright PA
Image caption Bidh an t-ionad a' giollachd chumhachd ath-nuadhachail à Sealtainn

Thugar cead, ann am prionnsabal, do phlanaichean airson ionad dealain ùr ann an Gallaibh.

'S e SSE a th' air cùl a' phlana airson ionad a thogail air làrach anns am bi meud 21 heactair beagan tuath air port-adhair Inbhir Ùige.

Bidh an t-ionad na mheadhan air dealan à pròiseactan cumhachd ath-nuadhachail ann an Sealtainn a thoirt gu deas.

Thog cuid draghan ge-tà mun bhuaidh a bhiodh aig an ionad air an àrainneachd agus air gnìomhachas turasachd na sgìre.

Duilleagan Eadar-lìn co-cheangailte

Chan eil uallach air a' BhBC son na tha air làraichean-lìn eile