An Ceangal Prìseil

  • 7 Am Màrt 2017

A rèir an ainm oifigeil, is e Pàrtaidh an Aonaidh a tha anns na Tòraidhean Albannach.

(Nuair a fhuair iad an t-ainm, b' e an t-aonadh le Èirinn a bha iad a-mach air, ach co-dhiù).

Anns na beagan bhliadhnaichean a dh'fhalbh, tha inbheachd na bun-reachd anns an deasbad phoileataigeach air cothrom a thoirt do phàrtaidh Ruth Davidson.

Chaidh leotha aig an taghadh Albannach an-uiridh gu ìre mhath mar thoradh air a' chomas aca taic fhaighinn bho luchd an Aonaidh, cuid dhiubh nach do bhòt dhaibh roimhe no a-riamh.

Is e an dubh-fhacal gu bheil na Tòraidhean gu daingean an aghaidh dàrna reifrinn ach gur e an cliù aca mar luchd-dìona an Aonaidh a tha a' toirt cothrom dhaibh èisteachd fhaighinn on t-sluagh.

Aig a' cho-labhairt Albannach aca ann an Glaschu, cha do chuir iad dìon, ach ionnsaigh.

Càirdeas

Rinn am prìomhaire moladh uair eile air an "Aonadh Phrìseil" eadar dùthchannan na Rìoghachd Aonaichte.

Ach cha do chùm i a-mach gum bu chòir an càirdeas eatorra a chumail mar a tha e, no fiù 's cumhachdan ùra a thabhainn ann an oidhirp gus na ceanglan sin a neartachadh.

An àite sin, dhearbh ceannard nan Tòraidhean gum bu chòir sùil ùr a thoirt air fèin-riaghladh na h-Alba agus, nuair a dh'fheumas, cumhachdan a thoirt air ais.

Gabh, leithid, iasgach agus àiteachas.

Fo Achd na h-Alba 1998, a stèidhich Pàrlamaid na h-Alba, tha cumhachd air rud sam bith nach eil glèidhte aig Westminster fo Earrann 5, ga thoirt do Holyrood.

Mar sin, nuair a dh'fhàgas an Rìoghachd Aonaichte an t-Aonadh Eòrpach - ma tha Alba fhathast na pàirt dhith - thig cumhachdan air iasgach agus àiteachas fo smachd na Pàrlamaid ann an Dùn Èideann.

Smachd

Sin, mura dèan Pàrlamaid na Rìoghachd Aonaichte atharrachadh air an lagh.

Is lèir a-nis gur e sin a tha anns an amharc.

Tha Dàibhidh Mundell agus Ruth Davidson air a bhith a' cumail a-mach nach tèid an cumhachd a thoirt bho Holyrood air rud sam bith a tha fo smachd mar-thà.

Ach air na rudan nach eil glèidhte aig Westminster ach a tha gan riaghladh aig an ìre Eòrpaich, tha Theresa May ag ràdh gu feum sùil a thoirt feuch dè a b'fheàrr don Rioghachd Aonaichte air fad.

Mar a chùm i a-mach, chaidh Achd na h-Alba a sgrìobhadh aig am nuair nach robh duine den bheachd gum biodh an Rìoghachd Aonaichte a' fàgail an Aonaidh Eòrpaich.

Am beachd a' phrìomhaire, feumar dèanamh cinnteach nach dèanar cron air "margadh singilte na Rìoghachd Aonaichte" - no air an Rìoghachd Aonaichte fhèin.

Fuasgladh

Is ann air sgàth sin a thuirt Ms Davidson gun tigeadh cumhachdan Eòrpach air ais don Rìoghachd Aonaichte "anns a' chiad dol a-mach" mus smaoinich an riaghaltas air an toirt air adhart gu Holyrood - no nas fhaide, do chomhairlean agus coimhearsnachdan.

Tha Riaghaltas na h-Alba ag ràdh gu bheil na Tòraidhean a' creachadh nan cumhachdan aca, a' fuasgladh snàithean an fhèin-riaghlaidh.

Am beachd Theresa May is e sin a dh'fheumas i dèanamh airson an "ceangal prìseil" eadar Alba agus an còrr den Rìoghachd Aonaichte a theannachadh.

Tha soilleir cuideachd gu bheil am prìomhaire a' creidsinn nach bi muinntir na h-Alba deiseil no deònach bhòtadh airson neo-eisimeileachd ma thèid iarraidh orra sin a dhèanamh.

Ro dheireadh na mìosa seo, bidh Artagail 50 de Chunnradh Lison air a chur an gnìomh.

Chì sinn a dh'aithghearr a bheil i ceart.