Gleann a' Chaolais gu bhith deiseil

  • 7 Am Màrt 2017
An Gleann a' Chaolais Image copyright Andrew Hill/Geograph
Image caption 'S i an Gleann a' Chaolais am bàta mu dheireadh san t-saoghal air a bheil deaca-tionndaigh a tha ri obrachadh le làimh.

Cha mhòr nach eil am bàta eachdraidheil a tha a' ruith eadar Gleann Eilg agus Caol Reatha deiseil airson tilleadh dhan t-slighe.

Tha obair-càraidh air a bhith ga dèanamh air a' Ghleann a' Chaolais gus am biodh i aig ìre airson seòladh, 's cha mhòr nach eil i deiseil airson tilleadh dhan uisge.

Tha am pàirt mu dheireadh den phròiseact càraidh, a thòisich bho chionn ochd bliadhna, ga dhèanamh aig gàradh Chiseoirn, air taobh siar Rois.

'S ann ann an 1969 a chaidh an Gleann a' Chaolais a thogail.

Air bòrd, tha an deic-tionndaidh mu dheireadh san t-saoghal a th' air a ghluasad le làimh.

A dh'aindeoin 's gun do dh'fhosgail Drochaid an Eilein Sgitheanaich bho chionn còrr is fichead bliadhna, tha an turas mara seo eadar Gleann Eilg agus Caol Reatha fhathast gu math trang, gu h-àraid am measg luchd-turais.

"Bidh sinn a' toirt timcheall air 12,000-12,500 carbad tarsainn a' chaolais a h-uile samhradh," thuirt sgiobair a' bhàta, Q Banting.

"Timcheall air 35,000 duine leotha sin.

"Chan eil sin dona airson bàt-aiseig bhig mar seo!"

Às dèidh dhi na bliadhnaidhean mòra a chur seachad san uisge, bha an t-uabhas obair-càraidh a dhìth oirre gus am biodh i freagarrach airson seòladh.

'S ann bho chionn ochd bliadhna a thòisich obair oirre an toiseach, agus an cnap mu dheireadh ga chrìochnachadh an-dràsta le sgioba ann an Ciseòrn.

"'S e seo a' chuid mu dheireadh den chosgais mhòir airson a toirt gu ìre," thuirt Mgr Banting.

"Sna bliadhnaichean ri teachd, bidh sinn a' coimhead ris na h-uimhir de dh'obair-càraidh a dhèanamh oirre, ach cuideachd obair-glèidhidh domhain, agus peantadh.

"Fada nas lugha na tha sinn air a bhith a' dèanamh ge-tà," thuirt e.

'S e taigh-cuibhle ùr an rud mu dheireadh a bha a dhìth air a' Ghleann a' Chaolais, agus chaidh aig a' choimearsnachd air £5,000 a thogail gus cuideachadh leis na cosgaisean a bha an lùib sin.

Nuair a thèid crìoch a chur air a' bhàta, thathas an dòchas gum bi i air ais air an t-slighe mus tòisich an seusan aig àm na Càisge.