Frèama drochaid ùir tarsainn Abhainn Nis

  • 7 Am Màrt 2017
An drochaid ùr ga togail Image copyright Comhairle na Gàidhealtachd

Chaidh frèama drochaid ùir a tha mar phàirt de Cheangal-rathad an Iar Inbhir Nis a chur tarsainn Abhainn Nis.

Tha na sparran tarsainn 70 meatar de dh'fhaid, agus tha 70 tunna de chuideam annta an urra.

Chaidh an cur an sàs le fear de na crainn-togail as motha san Roinn Eòrpa, a tha còrr is 100 meatar de dh'àirde.

Tha dùil gum bi na ceithir sparran eile an àite ro dheireadh na seachdain, ach tha sin a' crochadh air an aimsir.

Thèid obair a dhèanamh san abhainn fhèin gus crìoch a chur air an drochaid eadar an t-Iuchar agus an t-Sultain.

Tha obair air a' cheangal-rathad a' ruith a rèir a' chlàr-ama, agus tha dùil gum bi an rathad ùr deiseil agus fosgailte san Dùbhlachd 2017.

Cha thòisich obair air an dàrna earann gus am bi tuill ghoilf ùra deiseil airson cluich, agus Raon-Goilf Thòrr Bheathain ga ghluasad.