Naidheachdan 11:00m
Cha chluich seo air an uidheamachd agaibh

Naidheachdan 11:00m

7 Am Màrt 2017 Ùraichte aig Ùraichte aig

Tignes

Tha dragh ann gun deach na h-uimhir de dhaoine a bha a' sgìtheadh a thiodhlacadh fo mhaoim-sneachda ann an sgire Tignes anns an Fhraing. Chaill ceathrar snowboarder am beatha le maoim-sneachda anns an aon sgìre air a' mhìos a chaidh. Tha coltas gu bheil droch shìde a' cur maill air luchd-teasairginn.

Brexit

Tha coltas ann gun tèid Taigh nam Morairean an aghaidh an Riaghaltais a-rithist an-diugh mun phròiseas airson Breatainn a thoirt a-mach às an Aonadh Eòrpach. Tha na Morairean a' bhòtadh air atharrachadh air Bile Bhrexit a bheireadh, nam briathran fhèin, "bhòt chiallach" dhan Phàrlamaid. Thuirt am Prìomhaire Theresa May mar thà gum bi bhòt aig a' Phàrlamaid air a' bhile mar a tha e, agus gum faod iad gabhail leis no fhàgail.

Neach-ainmichte

Bheir an Leas-Phrìomh Mhinistear fiosrachadh do bhuill ann am Pàrlamaid na h-Alba an-diugh mu phlana an Riaghaltais airson sgeama an neach-ainmichte. Canaidh John Swinney gu bheil iad am beachd a dhol air adhart leis an sgeama ged a chaidh prìomh chùirt na dùthcha nan aghaidh an-uiridh.

Èigneachadh

Tha iomairt ùr a' tòiseachadh an-diugh le amas cur às do mhì-thuigse mu èigneachadh. Thèid feuchainn ris a' mhòr-shluagh - 's gu h-àraid feadhainn a dh'fhaodadh fhathast a bhith air diùraidh - oideachadh gu bheil gu math tric feadhainn a tha a' fulang ionnsaigh dhrabasta a' clisgeadh seach sabaid airson iad fhèin a dhìon. Bhon ath-mhìos bidh britheamhan ann an Alba a' toirt comhairle air diùraidh a bhith mothachail gu bheil feadhainn a' clisgeadh nuair a thèid ionnsaigh a thoirt orra, agus gum faodadh bliadhnaichean mòra a bhith ann mus toir iad a' chùis gu aire nam Poileas.

Crìonadh Ola

Thàinig rabhadh bho Oil and Gas UK gum faodadh crìonadh mòr a bhith ann mura tèid airgead ùr a chur an sàs anns a' ghnìomhachas. Tha iad ag ràdh gun tuit toradh gu mòr an dèidh 2020. Ach tha a' bhuidheann ag ràdh gu bheil beagan dòchais ann, agus èifeachdas anns a' ghnìomhachas a' ciallachadh gu bheil e nas saoire a-niste ola a thoirt am bàrr.

Fèidh Uibhist

Chuala coinneamh phoblach ann an Uibhist gum bu chòir dha na h-uachdarain barrachd a dhèanamh mu thrioblaid leis cho pailt 's a tha na fèidh chuir plana rianachd nam fiadh a' choinneamh air dòigh san Iochdar gus dragh ann gu bheil cus de na fèidh san sgìre, agus gu bheil iad a' giùlain ghartan a tha a' sgapadh an tinneas Lyme.