Ìmpidh ga chur air oighreachdan Uibhist

  • 7 Am Màrt 2017
Fiadh

Bu chòir do dh'uachdarain Uibhist barrachd uallaich a ghabhail airson àireamh nam fiadh a lùghdachadh san sgìre.

Sin aon bheachd a nochd aig coinneimh san Iochdair oidhche Luain far an robhas a' mìneachadh a' phlana airson smachd a chumail air na tha de na beathaichean eadar dà cheann Uibhist.

Tha dragh ann mun bhuaidh a th' aig na fèidh air slàinte a' phobaill gu h-àraid, agus an tinneas Lyme gu math nas bitheanta na tha sa chòrr de na h-Eileanan Siar.

Tha fhios co mheud fiadh a th' ann an Uibhist - mu 1,000 aig tuath, agus mu 800 aig deas.

Tinneas Lyme

Chaidh innse don choinneimh mu phlana airson na h-àireamhan a lùghdachadh, ach chaidh gearain nach tàinig fiosrachadh bho uachdaran coimhearsnachd Uibhist a Deas, Stòras Uibhist, mun àireamh dhamh a bu chòir a mharbhadh san eilean sin.

"Tha na h-àireamhan a tha sin againn, agus bidh sinn gan toirt dhaibh," thuirt Cathraiche Stòras Uibhist, Aonghas Mac'illeMhaoil.

"Chan ann a-mhàin am-bliadhna, ach a h-uile bliadhna, air sàilleabh tha sinne ro dheònach, air sàilleabh gur e companaidh choimhearsnachd a th' ann.

"Chan eil ann ach bliadhna bho thòisich a' bhuidheann a tha seo, agus tha sinne an dèis a bhith a' bruidhinn ris a h-uile duine eile a tha a' gabhail pàirt, airson agus aig deireadh an là ma ghabhas e dèanamh idir, gum bi na fèidh ann, gum bi croitearan ann, agus ma ghabhas e dèanamh, gum bi daoine ag obair còmhla," thuirt e.

B' àbhaist gun robh na fèidh a' cumail ris an talamh àrd. Ach le barrachd dhiubh a-niste ann an Uibhist, feumaidh iad sgaoileadh chun na talmhainn nas ìsle, far a bheil iad a' toirt buaidh air talamh croite, agus iad nan cunnart air an rathad.

Tha na fèidh cuideachd gan coireachadh airson sgaoileadh nan gartan a tha a' giùlain an tinneas Lyme.

Le bhith a' toirt lùghdachaidh air na th' ann de dh'fhèidh san eilean, thathas ag amas air a h-uile duine a riarachadh - bidh fèidh ann fhathast airson teachd-a-steach a thoirt do na h-oighreachdan, agus dh'fhaodadh an sluagh a bhith na bu shàbhailte.

Tha cuid ag iarraidh cur às do na fèidh ann an Uibhist buileach glan ge-tà.

"'S e a' phuing aig deireadh an là, tha mi a' creidsinn, nam biodh an gnìomhachas cho mòr sin, nam b' fhiach e iomadh millean Not, mar gum biodh, bhiodh e doirbh ann an dòigh argamaid an aghaidh a bhith a' cumail stoc fèidh air an àite, a thaobh bhiodh e a' ciallachadh na h-uimhir do dh'eaconamaidh an àite," thuirt fear-deasachaidh a' phàipeir-naidheachd iondail "Am Pàipear", Iain Stephen Moireasdan.

"Ach mura bheil an luach sin ann, 's e a' cheist a tha mise a' feuchainn ri thogail, carson a tha sinn gan cumail? Dè a' bhuanachd a th' ann? Dè tha sinn a' fulang airson a bhith gan cumail nuair a tha an cunnart 's an cron a tha seo nan lùib?"

Na h-Oighreachdan

Tha moladh eile ann feansa fhada, àrd, a chur suas ann an Uibhist a Deas, ged nach eil e soilleir cò a phàigheadh air a son.

Moladh eile, 's e a bhith ag atharrachadh na dòigh sa bheileas gan sealg, 's a bhith ag amas air barrachd bheathaichean boireann.

"Tha rud ris an can iad reata ceudad an àil, (calving percentage rate) agus tha e gu math àrd aig deas," thuirt Ruairidh Mac'illeBhrath, a b' àbhaist a bhith na gheamair.

"Airson an stoc a leagail, 's e an dòigh as fhasa air sin a dhèanamh, 's e barrachd de na beathaichean bhoireann a mharbhadh airson nach bi laoigh aca a h-uile bliadhna.

"Chan eil e gu diofar co mheud damh a mharbhas sibh, ma tha uiread seo de dh'aighean ann, agus tha laogh gu bhith aca a h-uile bliadhna, tha e a' dèanamh na h-obrach gu math nas duilghe," thuirt e.

Tha sealgairean aig a bheil cead losgadh air na fèidh air feadh Uibhist, agus tha còir aig croitearan iarraidh orra sin a dhèanamh às an leth.

'S e pàirt den ro-innleachd gus smachd fhaighinn air na fèidh, barrachd chothroman trèanaidh a thoirt do ghunnairean.

Ach tha beachd ann cuideachd, gur ann air na h-oighreachdan a tha an dleastanas as motha dèiligeadh ris an trioblaid.

"Cha bhi sìth ann an Uibhist a Tuath tuilleadh gus ann gearr iad sìos na fèidh gu timcheall air 500, mar a bh' aca roimhe," thuirt Phillip Harding, a tha na bhall de Bhuidhinn nam Fiadh, ach a bha a' bruidhinn às leth chroitearan Uibhist a Tuath.

"Agus bha sin ag obair glè mhath dhaibh.

"Chan eil an luchd-obrach aca gu mì-fhortannach, agus feumaidh sinne fulang.

"Tha an oighreachd airson a h-uile buanachd a ghabhail, ach chan eil iad airson uallach a ghabhail a thaobh nam fiadh," thuirt e.