Rannsachadh a' leantainn an Diùrnais

  • 7 Am Màrt 2017
An taigh air a losgadh Image copyright JASPERIMAGE
Image caption Thuirt na Poilis gu bheil boireannach a dhìth às dèidh teine aig taigh ann an Dùthaich MhicAoidh.

Tha rannsachadh poilis a' leantainn ann an Dùthaich MhicAoidh, agus eagal ann gun do bhàsaich boireannach ann an teine ann an Diùrnais.

Thuirt oifigearan nach eil sgeul air a' bhoireannach a bha a' fuireach anns an taigh a chaidh na theine ann an Saingea Mòr tràth madainn Diluain.

Chan eil fhios an robh i anns an taigh nuair a thòisich an teine. Chaidh fios a chur air a teaghlach.

Chaidh fios a chur air na Poilis mun teine timcheall air 02:00m.

Chaidh aig luchd-smàlaidh air an teine a mhùchadh, ach tha e fhathast ro chunnartach dhaibh a dhol a-steach dhan togalach.