Crìonadh mòr ola air fàire

  • 7 Am Màrt 2017
Clàr-ola Image copyright David Dixon/Geograph

Bidh crìonadh mòr ann an roinn na h-ola agus a' ghas mura tèid maoineachadh ùr a lorg, a rèir aithisg ghnìomhachais.

Tha an aithisg, a dh'fhoillsich a' bhuidheann ghnìomhachais Oil and Gas UK, a' toirt rabhaidh gum faodadh gun tig lùghdachadh a bharrachd air maoineachadh calpa san roinn thairis air an dà bhliadhna a tha ri teachd.

Bha obair tollaidh an-uiridh aig an ìre a b' ìsle o na 1970an.

Chaidh in-ionmhas, an coimeas ri ìrean 2014, sìos cha mhòr a leth chuid, agus bha obair rannsachaidh cuideachd air crìonadh.

Tha a' bhuidheann a' tuairmeas gun tig lùghdachadh air maoineachadh calpa thairis air an ath-dhà bhliadhna, agus thathas a' toirt rabhaidh gum bi crìonadh sònraichte ann an ìrean riochdachaidh bho 2020 mura tèid maoineachadh ùr a lorg.

Ach thathas ag ràdh gum faodadh gun èirich prothaidean ri linn sàbhalaidhean ann an riochdachadh, agus gum biodh sin na adhbhar dòchais don ghnìomhachas.