Boireannach a dhìth às dèidh teine

  • 6 Am Màrt 2017
An taigh air a losgadh Image copyright JASPERIMAGE
Image caption Thuirt na Poilis gu bheil boireannach a dhìth às dèidh teine aig taigh ann an Dùthaich MhicAoidh.

Thuirt na Poilis gu bheil boireannach a dhìth às dèidh teine aig taigh ann an Dùthaich MhicAoidh.

Chaidh sgrios a dhèanamh air an taigh ann an sgìre Dhiùrnais.

Chaidh fios a chur air na Poilis mun teine aig taigh ann an Saingea Mòr mu 02:00m Diluain.

Fhuair luchd-smàlaidh smachd air an teine, ach chaidh sgrios a dhèanamh air an togalach, is thuirt an t-seirbheis gun toir e ùine mus bi e sàbhailte dhaibh a dhol a-steach dhan taigh.

Thuirt na Poilis gun robh boireannach a' fuireach san taigh, ach nach eil fios aca aig an ìre seo an robh i a-staigh aig an àm.

Thuirt iad gu bheil iad a' cumail fios ri a teaghlach.

Dh'innis na Poilis nach deach duine eile a ghoirteachadh san teine.