Prìomh Mhinistear a' fosgladh taigh-tasgaidh

  • 6 Am Màrt 2017
Nicola Sturgeon Image copyright Scottish Govt

Dh'fhosgail Prìomh Mhinistear na h-Alba, Nicola Sturgeon, taigh-tasgaidh agus tasglann ùr Chaisteil Leòdhais ann an Steòrnabhagh gu h-oifigeil Diluain.

Chosg e £19m an togalach eachdraidheil a leasachadh, an dèidh dha a bhith ann an droch staid o chionn bhliadhnaichean.

Chaidh an togalach a dhùnadh o chionn 25 bliadhna.

'S i a' Ghàidhlig prìomh chànan obrach an taigh-tasgaidh.

Image copyright Scottish Govt

Am measg na tha ri fhaicinn ann, tha dusan de dh'Fhir-tàileisg Leòdhais, a th' air iasad bho Thaigh-Tasgaidh Bhreatainn.

Tha an taigh-tasgaidh agus an tasglann air a bhith fosgailte don phoball bho Iuchar an-uiridh.

Tha dùil gum fosgail taigh-òsta a tha cuideachd anns an togalach sna mìosan a tha romhainn.