Naidheachdan 11:00m
Cha chluich seo air an uidheamachd agaibh

Naidheachdan 11:00m

6 Am Màrt 2017 Ùraichte aig Ùraichte aig

Gràin-creidimh

Tha aithisg ùr ag ràdh gu bheil cultar ann fhathast a bhith a' cleith cho farsainn 's a tha gràin-creidimh na thrioblaid an Alba. Tha an aithisg ag ràdh gu bheil sin a' cur bacadh air adhartas, agus gu bheil ath-sgrùdadh a dhìth air na lagh mu eucoir co-cheangailte ri gràin-creidimh is gràin-cinnidh. Thuirt Riaghaltas na h-Alba gu bheil e follaiseach gum feumar barrachd a dhèanamh mu ghràin-chreidimh, agus gu bheil iad a' gabhail ri molaidhean na h-aithisg.

Aberdeen Asset Management agus Standard Life

Tha dragh ann gum faodadh suas ri 1,000 cosnadh falbh le plana airson na companaidhean tasgaidh Aberdeen Asset Management agus Standard Life a chur còmhla. Chruthaicheadh sin a' chompanaidh tasgaidh as motha de a seòrsa ann am Breatainn, agus i stèidhichte ann an Alba.

Oilthigh Herriot Watt

Tha Oilthigh Herriot Watt ann an Dùn Èideann am beachd mu 100 cosnadh a ghearradh, 's iad ag ràdh gu bheil a' mhì-chinnt le Brexit air aon adhbhar airson sin. Bheireadh na gearraidhean buaidh air luchd-teagaisg agus air luchd-taic eile. Thuirt an oilthigh gu bheil iad an dòchas gun gabh luchd-obrach ri falbh gu saor-thoileach, ach tha dragh air an aonadh Unite gun caill feadhainn an cosnadh an aghaidh an toil.

Vauxhall

Tha a' chompanaidh chàraidhean Fhraingeach, PSA, dham buin Peugeot agus Citron, a' ceannach Vauxhall ann am Breatainn agus Opel anns a' Ghearmailt bhon chompanaidh Aimeireaganaich General Motors air £2bn. Thuirt na h-aonaidhean gu bheil iad a-niste a' feuchainn ri 4,500 cosnadh a dhìon aig an dà ionad aig Vauxhall aig Luton ann am Bedfordshire, agus Ellesmere Port ann an Cheshire.

An t-Oll. Urr. Iain D. Caimbeul

Dhearbh an Eaglais Shaor gu bheil iad a' sgrùdadh aithrisean co-cheangailte ris an Oll. Urr. Iain D. Caimbeul nach maireann. Thuirt neach-labhairt gu bheil Clèir nan Eilean Siar a' leantainn riaghailtean na h-eaglaise co-cheangailte ris an sgrùdadh. Thathas a' tuigsinn gum buin na h-aithrisean do bheatha phrìobhaidich an Urr. Chaimbeul, ministear Eaglais Shaor an Rubha ann an Leòdhas, a chaochail aig deireadh an Fhaoillich.

Ceannarc

Tha Poilis na h-Alba ag ràdh gu bheil pàirt cudromach aig a' mhòr-shluagh anns an t-strì an aghaidh cheannairc. Tha na Poilis a' cur iomairt air bhonn an-diugh ag iarraidh air daoine innse dhaibh ma tha iad den bheachd gu bheil dad amharasach a' dol air adhart.

Caisteal Leòdhais

Bidh am Prìomh Mhinistear, Nicola Sturgeon, ann an Steòrnabhagh an-diugh a' fosgladh Caisteil Leòdhais gu h-oifigeil. Chosg e £19m an togalach a leasachadh. Tha an taigh-tasgaidh air a bhith trang anns na mìosan bho dh'fhosgail e, agus tha an taigh-òsta an sin faisg air a bhith deiseil.