Taic do phreantasachd aig tuath

  • 6 Am Màrt 2017
Steòrnabhagh

Dearbhaidh Prìomh Mhinistear na h-Alba, Nicola Sturgeon Diluain gum bi companaidhean ann an sgìrean na Gàidhealtachd, Earra-Ghàidheal, na h-Eileanan Siar agus Moireibh airidh air cùl-taic a bharrachd airson a bhith a' fastadh phreantasan.

A' tadhal air gnothachas ann an Steòrnabhagh a tha mar thà a' fastadh dithis phreantasan, canaidh Nicola Sturgeon gum bi airgead a bharrachd ann airson sgìrean dùthchail airson dèanamh cinnteach gum faigh daoine òga ann an coimhearsnachdan iomallach na h-aon chothroman ri feadhainn a tha a' fuireach ann am bailtean mòra na dùthcha.

'S e seachdain nam preantasan a th' ann, le measgachadh de thachartasan air feadh na dùthcha.

Tha an t-seachdain a' toirt cothrom, chan ann a-mhàin do dh'oigridh tha air an sgoil fhàgail, ach do dhuine sam bith a tha ag iarraidh fiosrachaidh mu na cothroman trèanaidh a th' ann.

"Thairis air an t-seachdain bidh àiteachan fosgailte dha cloinn-sgoile, àiteachan a bhios a' fastadh luchd-obrach, agus bidh cothroman ann a dhol a-steach agus barrachd fiosrachaidh fhaighinn mu dheidhinn sgeamaichean preantasachd a tha glè eadar-dhealaichte bho mar a b' àbhaist dhaibh a bhith," thuirt Fear-Gairm Chomhairle nan Eilean Siar, Tormod Dòmhnallach.

"Agus tha mi a' smaoineachadh gur e rud a th' ann a tha sinn airson a dhèanamh airson taic a chur ris a' mhodh-obrach a tha seo, 's tha fhios gu bheil e a' leudachadh gu mòr.

"Thairis air an dà bhliadhna a chaidh seachad tha a' Chomhairle air a bhith an sàs ann a bhith a' cuideachadh ghnìomhachasan ionadail, agus cuideachd taobh a-staigh na Comhairle fhèin, tha còrr air 80 neach a' dol tro na sgeamaichean a tha seo, agus sgeamaichean eadar-dhealaichte thairis air an dà bhliadhna a tha sin," thuirt e.