Sgrùdadh mun Oll. Urr. Iain D. Caimbeul

  • 6 Am Màrt 2017
An t-Oll. Urr. Iain D. Caimbeul Image copyright Eaglais Shaor na h-Alba

Dhearbh an Eaglais Shaor gu bheil iad a' sgrùdadh aithrisean co-cheangailte ris an Oll. Urr. Iain D. Caimbeul nach maireann.

Thuirt neach-labhairt gu bheil Clèir nan Eilean Siar a' leantainn riaghailtean na h-eaglaise co-cheangailte ris an sgrùdadh.

Thathas a' tuigsinn gu bheil na h-aithrisean a' buntainn ri beatha phrìobhaideach an Urr. Chaimbeul.

Bhàsaich an t-Oll. Urr. Caimbeul, ministear Eaglais Shaor an Rubha ann an Leòdhas, aig deireadh an Fhaoillich, aig aois 53.