Atharrachadh sgeama nan taighean-croite?

  • 6 Am Màrt 2017
Taighean-croite Image copyright Gordon Hatton/Geograph

Thuirt BP nan Eilean Siar, Aonghas Brianan MacNèill, gum bi e ag iarraidh bheachdan às an sgìre mun dòigh as fheàrr air sgeama nan taighean-croite atharrachadh gus am faigh barrachd dhaoine an taic-airgid.

Nochd àireamhan na bu tràithe am-bliadhna ag ràdh gun deach an taic, £38,000, a dhiùltadh do dhara leth nan daoine a chuir air a shon anns na h-Eileanan Siar.

Thuirt Mgr MacNèill gun do thog e seo le Ministear na Croitearachd, Feargas Ewing, agus gu bheil tuigse mhath aigeasan air an t-suidheachadh.

"Chaidh an granta an-airde o £22,000 gu £38,000, agus 's e àrdachadh mòr a bha siud, 70%, agus bha fàilte mhòr air sin," thuirt Mgr MacNèill.

Buidseat

"Ach an rud a chaidh ceàrr, gun deach dà cheangal eile a chur air an airgead an uair sin, agus 's e sin dè an teachd a-steach a bh' aig daoine, agus cuideachd a' cur ceangail air a' mheud taighe a dh'fhaodadh daoine a thogail.

"Tha dà mholadh agamsa car a' tighinn às seo - ma tha iad airson sin a chumail, faodaidh iad siud a chumail mar aon sgeama, ach bu mhath leam fhaicinn sgeama eile, far an robh an t-airgead a' dol suas ma dh'fhaoidte 60%, suas gu £35,000, bhon £22,000, agus nach robh ceanglaichean sam bith ann, 's gun robh an granta air a ruith mar a bha uaireigin roimhe," thuirt e.

Chaidh buidseat na sgeama gu lèir a chosg, agus tha Mgr MacNèill an dùil gu bheil am buidseat fhèin ro bheag, 's gun deach na riaghailtean a chur ris a' chùis airson daoine a b' fheudar dhaibh a dhiùltadh a dhiùltadh.

"Dh'fheumainn aideachadh gu bheil e gu math coltach ri sin," thuirt e.

"Ach feumaidh sinn argamaid a dhèanamh ris an Riaghaltas cuideachd, gur e seo aon de na dòighean as fheàrr gu taighean a thogail.

"Air sàilleabh, mura tog iad taighean mar seo, thèid iarrtas air taighean a thogail tro na comainn thagheadais, agus bidh sin gu math nas daoire - suas ri £80,000 no £100,000 airson taighean mar sin a thogail, no barrachd.

"Fon sgeama, gabhaidh taighean a thogail ann am bailtean gu nàdarra, far a bheil daoine gan iarraidh 's chan ann anns na h-àiteachan mòra anns na h-eileanan. Thèid an togail anns na bailtean dùthchail.

"Chan eil mi toilichte idir leis mar a tha an sgeama a' dol an-dràsta.

"Ma dh'fheumas sinn argamaid a dhèanamh airson airgead a bharrachd, uell feumaidh sinn sin a dhèanamh.

"Tha Fearghas Ewing a' tuigsinn gun robh seo math, ach feumaidh sinn cuimhneachadh, 's e an rud a tha doirbh dhasan, 's e gu bheil Westminster a' gearradh airgid na h-Alba.

Call Ginealaich

"Tha mi a' smaoineachadh gum feum sinn an argamaid a dhèanamh gu bheil seo riatanach, gu bheil e a' cumail chosnaidhean ann an àite, gu bheil e a' cumail dhaoine ann an àite," thuirt e.

"Agus 's e an rud a th' ormsa gu seachd àraid an-dràsta, tha daoine uaireannan a' gabhail cothrom nam beatha, seallaidh iad air ma dh'fhaoidte tilleadh a dh'Uibhist no tilleadh a Leòdhas no ge brith càite, agus mura bheil an doras fosgailte aig an àm, ma dh'fhaoidte nach till iad chun a' phuing a tha siud nam beatha a-rithist.

"Tha sinn ma dh'fhaoidte an uair sin air ginealach a chall.

"Tha mi mothachail gu bheil na h-Eileanan Fàrach a' dol suas chun na h-àireimh-sluaigh a b' àirde a bh' aca riamh nan eachdraidh air a' mhìos a tha seo, 50,000 duine.

"Mar sin tha sinn air dheireadh anns na h-Eileanan an Iar, ann an iomadach cunntas.

"Bha an granta a bha seo a' toirt cothrom do dhaoine a bhith a' fuireach ann an eileanan, leis na duilgheadasan a bh' ann - teachd a-steach nas ìsle, cosgaisean bith-beò nas àirde.

"Feumar seo a chumail," thuirt e.