Am Baile Ùr a' tòiseachadh le brag

  • 6 Am Màrt 2017
Ball

Thòisich Baile Ùr an t-Slèibh, a tha ag amas air Prìomh Lìog na h-Iomain a bhuannachadh 'son na h-ochdamh bliadhna ann an sreath, an seusan ùr gu làidir is iad am measg chòig sgiobaidhean a bhuannaich air a' chiad là.

Chaidh a h-uile geama sa Phrìomh Lìog air adhart a dh'aindeoin na droch shìde a bh' ann, is cha tug e ach ceithir mionaidean dhan Bhaile Ùr a dhol air thoiseach an aghaidh Lòbhait aig an Eilean, Connor Jones air an targaid.

Bha e 2-0 às dèidh 54 mionaid nuair a chuir Iain Robinson am ball dhan lìon, ach fhreagair Lòbhat gu sgiobalta tro Lorne MacAoidh.

Bha làmh an uachdair aig sgioba Cill Taraglain 'son treis às dèidh sin, ach gu mì-fhortanach dhaibh cha do ghabh iad brath air, is chuir Robinson an dàrna tadhal aige fhèin den là le 16 mionaidean air fhàgail.

Fhuair Greg MacMhathain tadhal eile air ais do Lòbhat ach chuir Robinson crìoch air cùisean dhan Bhaile Ùr is iad a' soirbheachadh 4-2.

Misneachd

Toiseach-tòiseachaidh math dhan Bhaile Ùr is Robinson Òg, ach bidh Lòbhat - a tha ag ionndrainn grunn chluicheadairean a bh' aca an-uiridh - air am misneachadh le cho faisg 's a bha an geama.

Ma tha dùbhlan gu bhith ann dhan Bhaile Ùr tha teansa gur ann à Taigh na Bruaich a thig e, is Caol Bhòid air an seusan ùr a thòiseachadh ann an stoidhle ann an Drochaid an Aonachain.

Bha Caol Bhòid air thoiseach 2-0 aig letheach slighe le tadhail bho Robbie MacLeòid is Grant Irvine.

Chuir Irvine tadhal eile tràth san dàrna leth is bha e 4-0 nuair a fhuair Ruairidh Dòmhnallach a' chiad tadhal aige fhèin den t-seusan ùr.

Fhuair Loch Abar dà thadhal air ais anmoch, ach 's ann le Caol Bhòid a bha an là.

B' e 4-2 a bh' ann cuideachd dha Gleann Urchadain ann an Caol a' Ghearasdain an aghaidh Cill Mhàillidh.

Tilleadh

Bha Cill Mhàillidh air thoiseach 2-1 sa gheama seo is iad a' tilleadh dhan Phrìomh Lìog, is na tadhail aca a' tighinn bho Mhìcheal is Donnchadh Rodger.

Chaidh Seumas Mac a' Phearsain an sàs an uairsin le trì tadhail gus na puingean a ghlèidheadh dha Gleann Urchadain.

Bha e faisg aig a' Chlachan Aillseach eadar Ceann Loch Seile is Camanachd an Òbain.

Bha Seile air thoiseach 2-0 le tadhail bho Oliver MacRath is Dòmhnall Nixon, ach thill muinntir an Òbain is Daniel MacBhiocair is Calum Clark a' fàgail a' gheama co-ionnan aig 2-2.

Bha coltas ann gur ann mar sin a chrìochnaicheadh e, ach le dìogan air fhàgail chuir Cè MacRath an tadhal a bhuannaich an geama do Cheann Loch Seile 3-2.

Chaill Glaschu Meadhan Earra-Ghàidheal aig an taigh sa chiad gheama aca fhèin air ais sa Phrìomh Lìog.

Anmoch

Chuir Ruaridh MacAnndrais, Ryan Borthwick is Chris Hollysong Ceann a' Ghiuthsaich air thoiseach 3-0, is thàinig tadhal Chaluim Mhic an Lèigh do Ghlaschu ro anmoch 'son dad atharrachadh.

San Lìog Nàiseanta thòisich na Sgitheanaich le brag is Will Cowie le tadhal an aghaidh Inbhir Nis gun fiù 's mionaid air a chluich.

Goirid às dèidh sin chuir Danny Moireasdan tadhal eile is coltas ann gun robh feasgar doirbh, fada air thoiseach air sgioba a' bhaile.

Chum iad a' dol ge-tà, is thug tadhal dìreach ro letheach slighe bho Sheumas Camshron dòchas dhaibh.

Thàinig an tadhal a thug cofhurtachd dhan eilean ann an 68 mionaidean is Iain MacNeacail air an targaid, is chuir Jordan Murchison crìoch air cùisean sa mhionaid mu dheireadh.

Pronnadh

Tha na Sgitheanaich san dàrna àite ge-tà, is sgioba òg Inbhir Aora air pronnadh 5-1 a thoirt air a' Mhanachainn aig an Winterton.

Bha coltas ann gun robh dàrna sgioba an eilein a' dol a thòiseachadh an t-seusain acasan le dà phuing cuideachd, is iad 3-0 air thoiseach air a' Ghearsdan ann an Lìog Tuath 1.

Thill sgioba Loch Abair ge-tà, Mark Friseal leis an tadhal a shàbhail puing dhaibh air a' cheann thall.

Ann an Lìog Tuath 2 bha droch là aig na Leòdhasaich sa bhoglaich ann an Inbhir Garadh.

Chuir Reamonn Robasdan ceithir tadhail dha Gleann Garradh is ochd aca uile gu lèir, gun ach Al Reid a' freagairt dha na Leòdhasaich.

Bidh sgioba Eilein an Fhraoich ag amas air piseach nuair a chluicheas iad Both Fhleisginn Disathairne seo tighinn.

Duilleagan Eadar-lìn co-cheangailte

Chan eil uallach air a' BhBC son na tha air làraichean-lìn eile