Naidheachdan 11:00m
Cha chluich seo air an uidheamachd agaibh

Naidheachdan 11:00m

3 Am Màrt 2017 Ùraichte aig Ùraichte aig

Co-labhairt nan Tòraidhean

Dh'innis Theresa May do cho-labhairt Thòraidheach na h-Alba ann an Glaschu nach eil adhbhar eaconamach sam bith ann an Rìoghachd Aonaichte a bhriseadh, agus thilg am Prìomhaire air an SNP nach eil dad nam beachd ach neo-eisimeileachd, agus gu bheil seirbheisean poblach, agus foghlam gu h-àraid, thuirt i, a' fulang mar thoradh air sin. Tha an SNP ag ràdh gum bi an dàrna referendum ann mura bi dòigh ann air Alba a chumail anns a' mhargaidh shingilte.

Francois Fillon

Tha àrd-fhear-labhairt do Francois Fillon - tagraiche nam Poblachdach ann an taghadh a' Chinn-Suidhe san Fhraing - a' fàgail a dhreuchd. Thuirt Thiery Solère gu bheil e a' fàgail na h-obrach le coltas gum bi rannsachadh ann fhathast mu chùisean ionmhais Mhgr Fillon.

Jeff Sessions

Tha ceannardan Deamocratach ann an Washington a' sìor chur cuideam air an Àrd-Fhear-Lagha, Jeff Sessions, an dreuchd fhàgail. Tha Mgr Sessions a' diùltadh sin a dhèanamh, ach chuir e astar eadar e fhèin agus rannsachadh an FBI mu chasaidean gun do ghabh an Ruis gnothach ri taghadh a' Chinn-Suidhe.

NATO

Tha àrd-oifigeach Bhreatainn ann an NATO, an Seanalair Sir Adrian Bradshaw, ag ràdh gum feumar dòighean ùra a dhealbhachadh an aghaidh ionnsaighean "cyber" agus fiosrachadh meallta na Ruis. Dh'innis esan dhan BhBC gum feum dùthchannan an taobh siar mothachadh dhan chunnart a tha seo bhon Ruis.

Stormont

Tha cunntas na bhòta a' dol air adhart anns an taghadh airson Seanadh Èireann a Tuath. Chaidh an taghadh a ghairm an dèidh dhan cho-bhanntachd-riaghlaidh eadar Deamocrataich an Aonaidh agus Sinn Féin tuiteam às a chèile anns an Fhaoilleach.

Cumhachd Ath-nuadhachail

Chaidh innse do cho-labhairt anns na Hearadh gum faodadh pròiseactan cumhachd ath-nuadhachail a dhol air adhart anns na h-Eileanan an Iar ged nach biodh caball dealain ùr ann gu Tìr-Mòr. Thuirt riochdaire bho Chumhachd Coimhearsnachd na h-Alba gun gabh an dealan sin cleachdadh anns na h-Eileanan.

Tràlair

Chaidh cobhair a dhèanamh air criutha tràlair a chaidh fodha far Shealtainn anns a' mhadainn an-diugh. Thog bàta-teasairginn Lèiruig còignear chriutha an Ocean Way a chuir fios air na seirbheisean èiginn gun robh am bàta a' gabhail uisge.