Comhairle "moiteil" à biadh sgoile air Ghàidhealtachd

  • 3 Am Màrt 2017
Piotsa

Thuirt Comhairle na Gàidhealtachd nach bu chòir dragh a bhith air pàrantan mun bhiadh a tha iad a' cleachdadh 'son dinnearan-sgoile.

Nochd ceistean is rannsachadh a rinn am BBC gu bheil feòil circe a thàinig à cho fada air falbh ri Thailand ga chleachdadh anns a' bhiadh aig cuid de sgoiltean na h-Alba.

Dh'iarr am BBC fiosrachadh air dinnearan sgoile bhon h-uile comhairle ionadail ann an Alba.

Thill a' mhòr-chuid dhiubh, is sheall am fiosrachadh gun deach còrr is £1m a chosg air feòil circe à Thailand, còrr is £250,000 air curranan às a' Bhèilg is buntana às an Fhràing, is £12,000 air sùbhagan à Serbia.

Thuirt Comhairle na Gàidhealtachd nach bu chòir dragh a bhith air pàrantan.

Dh'innis iad gu bheil iad moiteil deagh dhinnearan-sgoile a thoirt seachad, a' cleachdadh stuthan math, agus le luach an airgid fhaighinn.

Thuirt iad gur e feòil-mhairt, feoil-uain, feoil-muice, sitheann, uighean is curranan bho sgìrean ionadail a bhios iad a' cleachdadh.

Thuirt iad cuideachd gum bi iad a' cleachdadh mheasan is glasraich à Inbhir Nis far an gabh sin a dhèanamh.