Sàbhalaidhean mòra dhìth an slàinte Earra-Ghàidheal
Cha chluich seo air an uidheamachd agaibh

Sàbhalaidhean mòra dhìth an slàinte Earra-Ghàidheal

3 Am Màrt 2017 Ùraichte aig Ùraichte aig

Feumaidh seirbheisean slàinte agus cùiram sòisealta ann an Earra-Ghaidheal is Bòd £22m a chaomhnadh tharais air dà bhliadhna.

Ged a thug comhairle na sgìre £2m a bharrachd dhan t-seirbheis airson na bliadhna a tha romhainn, tha draghan ann mun bhuaidh a bhitheas aig a seo air seirbheisean.

Thèid coinneamhan conaltraidh a chumail air feadh Earra Ghaidheal airson beachdan dhaoine fhaighinn air dè a bu chòir dèanamh.