Leasachadh air raon-parcaidh ospadail

  • 3 Am Màrt 2017
Ospadal an Rathaig Mhòir

Thuirt oifigeran aig NHS na Gàidhealtachd gu bheil iad air airgead a chomharrachadh airson raon-parcaidh Ospadal an Rathaig Mhòir a leasachadh.

Seo an dèidh ghearainean a bhith ann gu bheil euslaintich agus luchd-tadhail gu math tric a' cur seachad ùine mhòr a' dol mu chuairt an raoin-pharcaidh 's iad a' feitheamh ri àite saor.

Thuirt am bòrd slàinte gu bheil iad a' cruthachadh 150 àite a bharrachd.

Ged a tha oifigearan ag ràdh gu bheil a' phròiseact aig ìre thràth - tha iad air airgead a chur ma seach air a shon.

Gainnead ruim

Mar phàirt de na planaichean cuirear na bacaidhean an sàs a-rithist air an rathad a-mach sa steach às an raon-pharcaidh.

'S fhada bho thòisichear a' gearain mu ghainnead ruim sa raon-pharcaidh, ach thathas a' dèanamh dheth gun do dh'fhàs cùisean nas miosa nuair a dh'iarr Riaghaltas na h-Alba gun deidheadh cur às dha na cìsean-parcaidh ann an 2009.

Bha cuid ag ràdh gu robh feadhainn nach robh a' dol dhan ospadal a' cleachdadh na làraich mar raon-parcaidh agus an uairsin a' dol a-steach dhan bhaile.

Chuir luchd-poileataics fàilte air an oidhirp piseach a thoirt air an t-suidheachadh.