Gurkhas ann an Lèodhas sna Hearadh

  • 3 Am Màrt 2017
Làraidh airm nan Gurkas
Image caption Thàinig dùbhlan ris nach robh dùil ann an Airigh an Tuim.

Tha faisg air 100 saighdear bho rèiseamaid nan Gurkhas air cha mhòr seachdainn a chur seachad ann an Leòdhas agus na Hearadh.

Seo a' chiad turas a thàinig iad dha na h-eileanan air eacarsaich trèanaidh.

Bha iad a' faighinn eòlais air dràibheadh air rathaidean cumhang - rud a bha na dhùbhlan mòr dhaibh aig amanan.

Thàinig 30 carbad agus 90 Gurkha 700 mìle bhon stèisean aca ann an Aldershot ann an Hampshire.

Mar as àbhaist bidh iad a' dol dhan Eilean Wight 'son eacarsaich mar seo agus seo a' chiad turas a roghnaich iad a dhol dha na h-Eileanan Siar.

Trèanadh

Thuirt an t-oifigear os an cionn, am Màidsear Giles Sugdon, gu robh trèanadh an còmhnaidh mu a bhith a' feuchainn rudan ùr.

"Bha seo mu a bhith a' draibheadh astar fada thar dà latha suas a dh'Ulapul agus an uairsin a-null an seo gu àite air nach eil iad eòlach.

"Feumaidh iad eòlas fhaighinn air a' choimhearsnachd ionadail, feumaidh iad tuigse fhaighinn air staid nan diofar rathaidean agus an slighe fhèin a dhèanamh," thuirt am Màidsear Sugdon.

Gu dearbh bha cuid de na slighean na dhùbhlan dhaibh agus tè dhe na làraidhean a' dol far an rathaid air rathad dùbailte ann an Airigh an Tuim.

Ach thuirt an Corporal Saugat Subba gur e cothrom ionnsachaidh a bha ann an sin.

"Thug sin cothrom dhuinn dèiligeadh ri na dùbhlain a dh'fhaodadh a bhith mu ar coinneamh," thuirt e.

Cultar

Tha an Corporal Subba air a bhith san rèiseamaid 'son dà bhliadhna gu leth.

'S ann à taobh sear Nepal a tha e agus tha beatha airm na fhuil leis gur e Gurkha a bha na sheanair san Dàrna Cogadh.

Thàinig e astar mòr 'son leantainn na cheumanan ach bho là gu là chan eil càil a dh'fhios aig na Gurkhas càite an tèid iarraidh orra a dhol.

Mar sin, chan e a-mhàin dràibheadh ann an àite ùr adhbhar an eacarsaich ach eòlas a chur air àrainneachd ùr agus cuideachd air cultur agus sluagh nach aithne dhaibh.

"Fhuair sinn fàilte bhlàth bhon choimhearsnachd. Tha iad an còmhnaidh a' smèideadh agus tha na Gurkhas a' faireachdainn gu math dòigheil ann an seo," thuirt am Màidsear Sugdon,