Pròiseactan cumhachd càball ann no às

  • 3 Am Màrt 2017
Crann-gaoithe

Chuala co-labhairt 'sna Hearadh gum faodadh pròiseictean cumhachd ath-nuadhachail a dhol air adhart anns na h-Eileanan an Iar fiù 's gun càball dealain ùr gu tìr-mòr.

Chualar cuideachd beachd gu bheil griod dealain nan eilean aig an aon ìre ri na gheibhear ann an cuid a dhùthchanan ann an Afraga.

Chaidh a' cho-labhairt a chur air dòigh le Cumhachd Coimhearsnachd na h-Alba airson beachdachadh air pròiseactan a chaidh a dhèanamh roimhe agus air dè a ghabhas a dhèanamh gus faighinn seachad air na cnapan-starra a tha a' cur bacadh air pròiseactan cumhachd coimhearsnachd san àm ri teachd.

Thuirt Nigel Scott bho Xero Energy, a tha a' stiùireadh sgrùdadh air griod nan Eilean Siar, gur e griod nan eilean fear dhen fheadhainn as laige a chunnaic e a-riamh.

"Tha mi a' smaoineachadh gu bheil mi air a bhith ag obair air pròiseactan ceangal griod agus pròiseactan ath-nuadhachail air feadh an t-saoghail fad 25 bliadhna agus tha mi a' samhlachadh griod nan Eilean Siar ri na gheibhear ann an Alba Nuadh, no pàirtean de dh'Afraga far a bheil sinn air a bhith ag obair bho chionn ghoirid far a bheil an griod mu math lag 's far am feum thu a bhith gu math, gu math faiceallach," thuirt e.

Càball

Leis gu bheilear fhathast a' feitheamh ri dearbhadh mu chàball dealain thuirt Mgr Scott gu bheil dòigh ann barrachd rum fhaighinn air a' ghriod gun càball ùr a bhith ann.

"Tha diofar dhòighean ann gus sin a dhèanamh. Aon dòigh se a bhith a' cumail rian air mar a tha an griod ga làimhseachadh le a bhith a' cur barrachd chumhachd ris a' ghriod na as urrainn dha a ghiùlain agus sin a lùghdachadh no na ceangalan a chur dheth aig amanan sònraichte.

"Tha na h-Eileanan an Iar an-dràsta a' faighinn a cumhachd bho chàballan mara agus tha dòighean ann rud beag a bharrachd de bhuannachd fhaighinn às na càballan a tha sin.

"Thathas gan ruith air ìre teothachd shònraichte agus 's dòcha gun gabh an ruith nas teotha na tha daoine a' smaoineachadh.

"Chanainn-sa gu bheil na càballan a tha a' toirt cumhachd gu na h-Eileanan an Iar nas fhuaire na tha daoine a' smaoineachadh.

"Tha mise a' smaoineachadh gun gabhadh grunn mhath mega-watt a chur riudha, gun teagamh," thuirt Mgr Scott.

An t-slighe air adhart

Bha a' cho-labhairt cuideachd a' beachdachadh air dè a ghabhas a dhèanamh leis a' chùmhachd a thathas a' cruthachadh sna h-eileananan.

Aig an ìre-sa tha mu 20 megawatt ga chruthachadh ann, ach dh'fhaodadh sin a dhol suas gu 100 megawatt le na pròiseactan a tha san amharc.

Bhiodh sin, ge-ta, a' crochadh air càball ùr.

Thuirt an t-eòlaiche cumhachd ath-nuadhachail, Murchadh Moireach, gur e bhith a' cleachdadh na cumhachd anns na coimhearsnachdan agus dòighean ùr fhaighinn a' chumhachd sin a chur gu feum an t-slighe air adhart.

"Ach aig deireadh an latha ma tha sinn gu bhith a' cruthachadh còrr is 100 megawatt feumar càball dealain agus feumaidh sin a thighinn ann an aithghearrachd," thuirt e.