Sgrùdadh air iarraidh mu Sheirbheisean Màthaireil

  • 3 Am Màrt 2017
Ospadal Ghallaibh Image copyright J Thomas/Geograph

Thèid iarraidh air comhairlichean na Gàidhealtachd an ath-sheachdain taic a chur ri iarrtas airson ath-sgrùdaidh neo-eisimeilich mu na h-atharrachaidhean ann an seirbheisean mathaireil Ghallaibh.

Cho-dhùin bòrd NHS na Gàidhealtachd an-uiridh an t-seirbheis a chur fo stiùir mhnathan-glùine seach àrd-dhotairean.

Tha cuid de mhuinntir Ghallaibh agus comhairlichean na sgìre ag ràdh nach fhada gum bi tubaist uabhasach ann ri linn nan atharrachaidhean san t-seirbheis mhàthaireil.

Tha dragh orra gum bi aig barrachd bhoireannach ri siubhail a dh'Inbhir Nis gu Ospadal an Ràthaig Mhòir nuair a tha dùil aca ri leanabh.

Thàinig air grunn bhoireannach mar thà an t-slighe de chòrr 's ceud mìle a dhèanamh, le cuid a' siubhail nuair a bha cathadh ann.

Ath-sgrùdadh

Chaidh tuilleadh taic a thaobh còmhdhail agus àitichean-fuirich dha na boireannaich agus an teaghlaichean a ghealltainn.

Tha comhairlichean na sgìre a-nis ag iarraidh ath-sgrùdaidh neo-eisimeilich air co-dhùnadh a' bhùird-shlàinte.

Cuiridh iad gluasad air adhart leis an iarrtas a tha sin aig coinneimh den Làn-Chomhairle an ath-sheachdain.

Thuirt an Comh. Uilleam Fernie gu bheil a' choimhearsnachd a' faireachdainn nach robh cothrom aca am beachdan a chur an cèill mus do thòisich an t-seirbheis ùr.

Tha e den bheachd cuideachd gun seall sgrùdadh neo-eisimeileach gun robh laigsean bunaiteach san dòigh anns an deach co-dhùnadh a ruighinn.