Goireas cumhachd ùr Leaghadair Loch Abair

  • 3 Am Màrt 2017
Leughadair Loch Abar Image copyright Reuters
Image caption Cheannaich Liberty British Aluminium an leaghadair bho Rio Tinto an-uiridh.

Thèid goireas ùr cumhachd ath-nuadhachail a chur a dhol aig leaghadair Loch Abair Dihaoine, far a bheil na companaidhean a th' air a ghabhail thairis, Liberty and SIMEC a' gealltainn nan ceudan chosnaidhean a chruthachadh.

Bidh còmhraidhean ann cuideachd mu bhun-structar agus a bhith a' leasachadh sheirbheisean san sgìre airson taic a chumail ris an ionad sa Ghearasdan.

Tha mar a thathas a' cur an dà inneal bith-chonnaidh a dhol mar chomharrachadh air a' chiad ìre ann an ath-bheòthachadh an leaghadair, a bha an-uiridh ann an cunnart dùnadh 's e bho e fo sheilbh Rio Tinto.

Ri linn an dà ghineadair, anns a bheil luach £10m, cha bhi uimhir de dh'fheum ann dealan a thoirt chun na làraich.

Cuide ris an sgeama dealain uisge a th' ann mar-tha, tha luchd-stiùiridh an leaghadair, a tha le chèile a' dol fon ainm Liberty British Aluminium, ag ràdh gur e seo an fhactaraidh mheatailt as fheàrr a thaobh na h-àrainneachd a bhios san Rìoghachd Aonaichte.

Image copyright Rio Tinto
Image caption Tha an làrach a' faighinn cumhachd bho sgeama dealain uisge agus uidheamachd bith-chonnadh

Tha a' bhuidheann an-dràsta a' dealbhachadh factartaidh ùir airson na làraich far an tèid uidheamachd chàraichean a dhèanamh.

Chaidh a dhearbhadh cuideachd gum bi Minister na h-Eaconamaidh Dùthchail, Fearghas Ewing, ceannardan bho Liberty British Aluminium agus oifigearan bho bhuidhnean poblach uile an sàs ann am Buidheann ùr Lìbhrigidh Loch Abair.

Bidh a' bhuidheann lìghrigidh a' cuideachadh ann a bhith a' cur air dòigh trèanaidh, taigheadais agus sheirbheisean ionadail a bhios a dhìth ri linn an leudachaidh aig an leaghadair.