Fosgladh cabhsair ceum nas fhaisge

  • 2 Am Màrt 2017
An Fhadhal a Deas Image copyright D J MacPherson/Geograph

Tha Comhairle nan Eilean Siar ceum nas fhaisge air fosgladh ùr a chur anns a' chabhsair air an Fhadhal a Deas ann an Uibhist, rud air an do chuir a' choimhearsnachd fàilte.

Thèid cuideachd gainmheach a tha a' cruinneachadh san fhadhal a chleachadh 'son Eilean na Gualain a thogail ged a b' fheàrr leis a' choimhearsnachd sin fhàgail agus prìomhachas a' thoirt dhan fhosgladh ùr.

Sheall sgrùdadh air mar a tha a' mhuir a' gluasad mun Fhadhal a Deas gum biodh fosgladh de 250 meatar de dh'fhaid anns a' chabhsair air cuideachadh gus an uisge a leigeil bhon taobh an iar dhan taobh an ear, 's nach robh e air èirigh chun na h-ìre a ràinig e anns an stoirm ann an 2005 nuair a thug tuiltean buaidh air an Iochdar agus Beinn nam Fadhla, a' fàgail gun do chaill còignear anns an aon teaghlach am beatha.

Chaidh roghainnean air mar a ghabhadh fosgladh às ùr a chur dhan chabhsair a chur mu choinneimh Comataidh na Còmhdhail 's a' Bhun-structair aig Comhairle nan Eilean Siar Diciadain.

Tairgse

"Bha iarrtas aig a' choimhearsnachd fhèin gum biodh fosgladh na bu mhotha anns a' chabhsair, agus tha a' Chomhairle air a bhith ag obair air sin," thuirt an Comh. Uisdean Robasdan.

"Tha tairgse a-staigh aig a' Chomhairle airson coimhead ris an obair sin, 's tha mi a' smaoineachadh gum bi an cùmhnant a tha sin air a thoirt seachad ann an seachdain no dhà.

"Bhathar an dòchas gum biodh an obair timcheall air sin deiseil ro thoiseach an t-Samhraidh," thuirt e.

Chaidh fàilte a chur air an naidheachd a tha sin anns a' choimhearsnachd.

"Tha sinn toilichte a chluinntinn gu bheil iad, mu dheireadh thall, air tighinn dhan ìre a tha seo, agus gu bheil iad a' bruidhinn mu dheidhinn, agus gu bheil na ciad phlanaichean aca," thuirt Iain Eardsaidh MacNèill, Cathraiche Comhairle Coimhearsnachd an Iochdair.

"Cha ghabh e tuigsinn carson a tha e air an ùine seo a thoirt.

"Ach tha sinn a' cur sin air ar cùlaibh. Feumaidh sinn coimhead air aghaidh a-nis, agus gnothaichean a bhith air an dèanamh nas luaithe," thuirt e.

Tha dà mholadh gan deasbad - fosgladh a chur dhan chabhsair fhèin, no drochaid a thogail an tacsa a' chabhsair aig aon cheann, 's a' falbh leis a' chloich sa phìos sin den chabhsair nuair a bhiodh an drochaid deiseil.

Gluasad Gainmheach

Tha dùil nach cuireadh an dàrna roghainn uiread de bhacadh air muinntir an àite fhad 's a bhiodh an obair a' dol air adhart, agus nach biodh a' chosgais cho àrd.

Tha cha mhòr dà bhliadhna bho chuir Comhairle nan Eilean Siar sgeama airson Eilean na Gualain a dhèanamh nas treasa mu choinneimh na coimhearsnachd.

Tha mar nach eil an t-uisge a' falbh bho thaobh gu taobh gu nàdarra a' fàgail gu bheil gainmheach a' cruinneachadh ann an àiteachan far nach b' àbhaist dhi.

'S e a' ghainmheach a tha sin a dheadh a ghluasad airson Eilean na Gualain a thogail suass.

"Tha an t-airgead againn airson obair a dhèanamh air Eilean na Gualain sìos a Lìonacleit, agus thathar a' dealbhachadh na h-obrach sin an-dràsta fhèin, airson tòiseachadh nas fhaide den bhliadhna tha sinn an dòchas," thuirt Mgr Robasdan.

Tha a' choimhearsnachd den bheachd ge-tà, gu bheil fosgladh a bharrachd sa chabhsair fhèin nas riatanaiche.

"Tha a h-uile duine sa choimhearsnachd an aghaidh obair na Gualain a tha sin," thuirt Mgr MacNèill.

"Chan eil ann ach gluasad gainmhich mar a tha sinne ga fhaicinn.

"Bu chòir sin fhàgail gun deadh drochaid a chur anns a' chabhsair an toiseach," thuirt e.