Prìomhachasan sgoile air Ghàidhealtachd

  • 2 Am Màrt 2017
Bun-sgoil Ghàidhlig Inbhir Nis
Image caption Tha Bun-sgoil Ghàidhlig Inbhir Nis loma-làn.

Thuirt Cathraiche Buidheann Buileachadh na Gàidhlig aig Comhairle na Gàidhealtachd, an comhairle Hamish Friseal, gum b'fheàrr leis gu robh sgoil Ghàidhlig ùr ann an Inbhir Nis nas àirde air liosta de phrìomhachasan calpa.

Tha sgoil Ghàidhlig ùr san t-siathamh àite a tha a' ciallachadh gum faodadh gum bi eadar còig agus ochd bliadhna ann mus tèid tòiseachadh oirre ged a tha an sgoil a' cur thairis.

Le a bhith a' togail sgoil ùr bhiodh e a' ciallachadh gum biodh an togalach far a bheil Sgoil Ghàidhlig Inbhir Nis an-dràsta saor airson a bhith air a chleachdadh mar sgoil far am bithear a' teagasg tro mheadhan na Beurla.

"Bu chaomh leam-sa a bhith ga faicinn nas àirde air an liosta a tha sin na tha i, choinn 's tha airgead againn bhon riaghaltas airson a bhith air a chuir gu feum airson an sgoil ùr a tha seo a thogail agus tha còir againn a bhith nas fhaide air adhart leis a' phlana againn 'son an sgoil a tha sin na tha sinn agus tha sin a' cur dragh orm-sa," thuirt Mgr Friseal.

Dun Bheagan

Tha sgoil ùr san Ath Leathainn san Eilean Sgitheanach air an naoidheamh àite sa liosta, a' ciallachadh gum faodadh gum bi eadar còig agus ochd bliadhna ann mus tèid sin a thogail cuideachd.

Chaidh am pìos as miosa dhan sgoil a th'ann a' leagail mur tha 's i ag aoidion, agus tha na sgoilearan a tha ann am foghlam tro mheadhan na Gàidhlig ann an togalaichan eadar-amail.

Bidh co-dhunaidhean mu na sgoiltean an urra ri na comhairlichean a thèid a thaghadh sa Chèitean.

Chuir buill comataidh an fhoghlaim taic cuideachd ri a bhith a' stèidheachadh Bun-sgoil ùr Dùn Bheagain aig an Lòn Mhòr.

Thèid co-dhunadh deireannach a dhèanamh mu a sin aig coinneamh dhen làn-chomhairle.