Bàs an Oll. Dòmhnall MacAmhlaigh

  • 2 Am Màrt 2017
Cha chluich seo air an uidheamachd agaibh
Bàs an Oll. Dòmhnall MacAmhlaigh

Thàinig dearbhadh gun do chaochail an t-Oll. Dòmhnall MacAmhlaigh a choisinn cliù mòr mar bhàrd agus sgoilear Gàidhlig.

Rugadh 's thogadh Mgr MacAmhlaigh, a bha 86 bliadhna e ann am Beàrnaraigh, Eilean Leòdhais, agus dh'fhiosraich a dhàimh ris an eilean mòran dhe bhàrdachd.

Thòisich an t-Oll. MacAmhlaigh ag obair ann an Oilthigh Dhùn Èideann ann an 1958, an toiseach ann an Roinn na Beurla agus Linguistics agus an dèidh sin anns an Roinn Cheiltis.

Às an sin, ghluais e gu Colaiste na Trianaid ann am Baile Atha Cliath agus gu Oilthigh Obar Dheathain.

Chaidh e an uairsin gu Oilthigh Ghlaschu far an robh e gus an do leig e dheth a dhreuchd ann an 1996.

Nochd leabhar dhen bhàrdachd aige fhèin, Seobhrach às a' Chloich ann an 1967 agus ann an 1976 dheasaich e an leabhar cliùiteach "Nua-Bhàrdachd Ghàidhlig" a thug còmhla còignear bhàrd Gàidhlig - Sòmhairle Mac IllEathain, Deòrsa Mac Iain Deòrsa, Ruaraidh MacThòmais agus Iain Crichton Mac a' Ghobhain, a bharrachd air cuid dhe obair fhèin.

Chaidh an leabhar Deilbh is Faileasan fhoillseachadh ann an 2008.

Bha Mgr MacAmhlaigh air a bhith tinn airson greis agus bhàsaich e san ospadal ann an Dun Eideann.