Iomagain mu sheirbheis fiaclaireachd Uibhist

  • 2 Am Màrt 2017
Uidheamachd fiaclaireachd Image copyright GOMBERT, SIGRID/SCIENCE PHOTO LIBRARY
Image caption Tha moladh ann na trì ionadan fiaclaireachd ann an Uibhist a thoirt còmhla.

Tha riochdairean coimhearsnachd ann an Uibhist cho mì-riaraichte le mar a tha Bòrd Slàinte nan Eilean Siar a' dèiligeadh riutha agus gu bheil iad a' sgrìobhadh litir gu Rùnaire na Slàinte, Shona Robison.

Tha dragh ann gu bheil seirbheis na fiaclaireachd anns na coimhearsnachdan ann an cunnart, 's plana ann an t-seirbheis a stèidheachadh ann am Baile Mhanaich, seach na trì ionadan a th'ann.

Feumaidh Co-bhòrd Amalachaidh Seirbhisean Slàinte 's Cùram nan Eilean Siar £700,000 a bharrachd a shàbhaladh san ath dhà bhliadhna.

Thuirt fear de chomhairlichean Uibhist, Raghnall MacFhionghuin, nach eil am bòrd slàinte ag èisteachd ris an t-sluagh.

"Bho chionn bhliadhnachan tha sinn a' faicinn bòrd na slàinte mar a tha iad a' ruith sìos a h-uile sian a th'againn ann an Uibhist.

"Chaidh ospadal ùr a thogail dhuinn ann an Uibhist, tòrr de ghealltanasan a thoirt seachad, tha iad sin air a dhol a-mach an doras, chan eil sian a' tachairt.

"Tha iad a' dol sìos a dèanamh coinneamh, mas fhior gu bheil iad ag eisteachd ri na daoine agus chan eil iad ag eisteachd ri an daoine, tha iad a dol air adhart leis a' bheachd a bh'aca aig a' chiad dol a-mach obair na fiaclairean co dhiù a ghluasad a-steach dhan aon àite far nach eil e a' dol a dh'obrachadh idir sna h-Uibhistean," thuirt Mgr MacFhionghuin.

Sàbhalaidhean

Thuirt Mgr MacFhionghuin gu bheil seirbheis na fiaclaireachd tòrr nas freagarraiche an-dràsta 's i suidhichte ann an Loch na Madadh, Loch Baghasdail agus Beinn na Faoghla.

Tha e ag ràdh gu bheil e furasda dhan h-uile duine faighinn thuice.

Dh'iarr e air a' choimhearsnachd a dhol air an casan mu dheidhinn agus anns an litir a chuireas na riochdairean coimhearsnachd gu Shona Robison cuiridh iad ìmpidh oirre coimhead ri planaichean a' cho-bhùird.

Nan deidheadh na trì ionadan fiaclaireachd a thoirt còmhla dheidheadh £300,000 a chùmhnadh, cuibhreann mòr dhan £700,000 a tha aig a' cho-bhòrd ri shàbhaladh 'son am buidseat a chothromachadh san ath dhà bhliadhna.

Tha seo a thuilleadh air còrr is £1m de ghearraidhean a tha iad air a chomharrachadh mar-thà.

Tha Mgr MacFhionghuin cuideachd ag iarraidh gun tèid coimhead ri barrachd euslainteach ann an Uibhist a chur dìreach a Ghlaschu an àite a bhith gan cur a Steòrnabhagh an toiseach leis gu bheil mòran euslainteach gan gluasad a Ghlaschu air a' cheann thall.

Tuilleadh air an sgeulachd seo