Trioblaid a' fastadh luchd-smàlaidh

  • 2 Am Màrt 2017
Carbad-smàlaidh

Tha trioblaid fhathast ann a bhith a' fastadh luchd-smàlaidh ann an cuid de sgìrean sna h-Eileanan an Iar ged a chaidh oidhirp mhòr a dhèanamh daoine ùra a thàladh chun na seirbheis.

Tha àiteachan ann far nach gabh criutha a thoirt còmhla.

Tha grunnan sgìrean ann far a bheil trioblaid - gu h-àraid anns na sgìrean as iomallaiche leis nach eil daoine gu math tric sna sgìrean sin tron latha agus iad ag obair ann am badaigin eile.

Feumaidh àireamh shònraichte a bhith ri làimh airson gach sgioba, agus mura h-eil sin ann feumaidh iad leigeil fhaicinn nach eil an t-einnsean aca ri fhaighinn ann an èiginn, agus ma bhios èiginn ann feumar an uairsin fios a chur air criutha eile.

Chan eil seo na thrioblaid sna h-Eileanan an Iar a mhàin, ach ann an sgìrean leithid Chataibh, taobh siar na Gàidhealtachd agus ann an Arcaibh agus Sealtainn.

Trèanadh

A thuilleadh air gainead dhaoine tron latha tha an ìre trèanaidh a dh'fheumas gach neach-smàlaidh a dhol troimh na chnap-starra cuideachd.

Feumaidh smàladairean pàirt-ùine a bhith a cheart cho fallain 's cho comasach ri smàladairean làn-ùine agus suidheachaidhean èiginneach a làimhseachadh ann an dòigh cho proifeiseanta sa ghabhas.

Tha an t-seirbheis-smàlaidh ag ràdh gu bheil iad air oidhirp mhòr a dhèanamh daoine ùr a thàladh le a bhith a' sgaoileadh shanasan agus a bhith a' cur atharrachaidhean an sàs, leithid a bhith a' toirt cothrom do dhaoine trèanadh a dhèanamh sna h-eileanan, seach a bhith a' dol gu tìr-mòr.

Thuirt àrd-fhear-smàlaidh ann an Steòrnabhagh, Iain MacLeòid, gu feum iad, 's dòcha, coimhead ri a bhith nas fhosgailte mu na riaghailtean ann an cuid de sgìrean agus beachdachadh air cothrom a thoirt do dhaoine a tha, 's docha, a' fuireach beagan nas fhaide air falbh bhon stèisean iad fhein a chur air adhart.

Thuirt e cuideachd gu bheil iad - ann an cuid de shuidheachaidhean - a-nis a' leigeil le criutha dhol a-mach gu teine, no tubaist, ma tha iad gann de dhaoine, ma tha iad a' co-dhunadh gur e sin an rud as fheàrr a dhèanamh na a bhith a' fuireach nas fhaide airson criutha eile.

Tha sin, ge-tà, gu mòr an urra ri dè seòrsa èiginn a th'ann.

Cothrom

Tha Mgr MacLeòid ag ràdh gu bheil duilgheadas aca a thaobh àireamhean ann an Loch nam Madadh - ged a tha iad ag obair gus sin a chur ceart - agus ann an Siabost ann an Leòdhas.

Thathas a' tuigse gu bheil an aon rud fìor ann an grunn àiteachan eile, leithid ceann a deas nan Loch.

Thuirt Friseal Burr, a tha os cionn na seirbheis air Ghàidhealtachd 's na h-Eileanan, gu bheil duilgheadas aca daoine fhaighinn ann an tòrr de sgìrean dùthchail na h-Alba, ach gu bheil iad ag obair gu cruaidh son feuchainn ri sin a chur ceart.

Do dhuine sam bith a tha a' beachdachadh a bhith na neach-smàlaidh, thuirt e gur e cothrom air leth a th'ann sgilean agus eòlas ùr fhaighinn agus aig an aon àm a bhith a' cumail seirbheis riatanaich ris a' choimhearsnachd.